Skip to main content

‹‹‹ prev (56)

(58) next ›››

(57)
e leis-san a blia deas gu tuitcam. Air an
aobhar sin bha gràdh aig gach neach dha,
agus b'urrainn da a ràdh, '*■ An uair a chual
a' chluas, bheannaich i mi, agus an uair a
chunnaìc an t-sùil, thug i fianuis leam. A
chionn gu'n do shaor mi am bochd a bha ""g
èigheach, agus an dìlleachdan aig nach robh
fear-cuideachaidh. Thàinig beannachadh an
ti a bha ullamh gu bàsachadh orm ; agus
thug mi air cridhe na bantraich seinn le h-
aoibhneas. Chuir mi ionracas orm, agus dh'-
eudaich e mi : mar f halluing agus mar choron
bha mo bhreitheanas. Bu shùilean mi do'n
dall, agus bu chosan mi do'n bhacach. Bha
mi a'm' athair do na bochdaibh, agus a' chùis
nach b'aithne dhomh rannsaich mi a mach.""
MU N TRIUIR CHLOINNE A THILGEADH SAN
AMHUINN THEINNTICH.
Rinn Nebuchadnesar righ Bhabiloin ìomh-
aigh òir a bha tri fichead làmh-choilie air
àird, agus sè làmha coille air leud ; chuir e
suas i ann am machair Dhura, agus choisrig
e i le mòr-ghreadhnachas. An dèigh dha so a
dheanamh thug e àithne seachad, Ciod air bith
àm san cluinneadh a shluagh fuaim gach
seòrsa ciùil gu'n tuiteadh iad sios agus gu'n
tugadh iad aoradh do'n ìomhaigh ; agus co
air bith nach striochdadh sìos, agus nach
dcanadh aoradh, gu'n tilgear e san uair sin
fein, ann am builsgein àmhuinn theinntich

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence