Skip to main content

‹‹‹ prev (57)

(59) next ›››

(58)
56
dhian-loisgich. Aig an àm so bha triuir ludh-
aich àraìdh,d'am b' ainm Sadrach, Mesach, agus
Abednego, a chòmhnuidh ann am mòr-roinn
Bhabiloin ; agus do bhrìgh gu''n robh iad 'nan
daoinibh ghce, agus a"* deanamh seirbhis do
Dhia an aithriche, dhiult iad aoradh a thoirt
do''n ìomhaigh òir a chuir righ Bhabiloin suas.
Air do Nebuchadnesar so a chluinntinn bha
e ann an corruich mhòir, agus bhagair e iad le
bàs uamhasach mur geilleadh iad d'a thoil,
agus mur striochdadh iad sios do'n dealbh a
rinn e. Ach fhreagair iadsan agus thubhairt
iad, Cha'n 'eil suim againn freagradh a thoirt
duit sa' chùis so, O a righ. Ma's ann mar sin
a bhitheas tha ar Dia-ne, d'am bheil sinn a"*
toirt seirbhis, comasach air ar saoradh o'n
àmhuinn theinntich dhian-loisgich ; agus ni e
ar saoradh o d' làimh-sa, O a righ. Ach mur
dean, biodh fhios agad, O a righ, nach toir sinn
seirbh'is do d' dhiathaibh, no aoradh do'n ìomh-
aigh òir a chuir thu suas.""
"■Nuair a chual Nebuchadnesar na briathra
so, bha e air a Uonadh le corruich, agus dh'-
àithn e gu"'n teasaicheadh iad an àmhuinn
seachd uaire ni bu mhò na bu ghnàth leo a
teasachadh, agus gu^'n tilgeadh iad an triùir
f hear so ceangailte sios ""na builsgein. Rinneadh
so ; ach bha làmh an Tighearna mu'n cuairt
do "^n triuir dhaoine, agus chuir e 'aingeal
g^an teasairginn, chum''s nach biodh comas aig
an teine dochann a dheanamh orra. Greis an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence