Skip to main content

‹‹‹ prev (55)

(57) next ›››

(56)
54
maiUe riusan a ta ri caoidh. ""Se so a ta 'gar
stiùradh gu tigh a' bhròin, agus a tha toirt
duinn comhfhulangas a bhi againn ri ar co-
chreutairibh "'nuair tha làmh throm na trioblaid
iarganaich a' luidhe gu goirt orra. Cha'n 'eil
sealladh air bith a''s àluinn na bhi faicinn sùil
na h-òige a"* sileadh dheur air son thrioblaidean
na sean aois ; agus cha'n 'eil ni air bith a bheir
tuille toil-inntinn duinn na bhi 'g amharc air
cloinn 2i frithealadh do dh'uireasbhuidh am
pàrantan ; agus le'n caoimhneas agus an gràdh
agus an cùram d'an taobh, a' nochdadh gu
bheil mothachadh aca do thrioblaid an t-sluaigh
a ghin iad, amhuil a bhiodh aca d'an trioblaid-
ibh fèin.
'S ann o fhior-mhothachadh tha sruthadh
gach subhachas, gach cùram, agus gach
maitheas tha ''g àrdachadh nàdur an duine,
agus tha togail a smuainte os ceann an dus-
laich, air am bheil e ag imeachd. ""Se so tobar
siorruidh an fhulangais tha toirt air pàrant-
aibh freasdal d'an cloinn ann an là an triob-
laid le gràdh nach sgìthich, agus le curam a
dhiultas fois d'an sùiUbh, agus sòlas d'an
cridhe : Agus is ann uaith so tha 'g èirigh an
gràdh agus an cùram tha clann a"* nochdadh
d'am pàrantaibh 'nuair tha iad aosmhor agus
eu-comasach air iad fèin eiridinn.
Bha fior-mhothachadh aig lob do thriob-
laidibh sluaigh eile; dh' fhiosraich e cor an
truaghain agus an fheumaich, agus chuidich

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence