Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
Òraid do Shaighdeirean
air ùir Alba an gaoil gus an do dhath iad, ais
toiseach, dearg i le am fuil.
Agus tha aille a maise, maille ri buannachdan
eaglaiseil, comunnach, agus stàideil a' dluth-
cheangal cridheachan na h-uile dhinn r'ar dùthaich
mhàthaireil. Tha sinn, 'san ionad so dh'easbhuigh
mòr-mheud chearna eile. Cha 'n 'eil 'nar tir
nithean cho ro-chomharraichte ri fireachan nan
Alps, no Niagara, a thhladh gu ar cladaichean
eilthireach o dhùthchanan cèin. Ach tha againn
ann an Alba bhòidheach fiamh ghruaimeach nam
beann, agus maise shèamh nan gleann, a tha,
comhla ri na lochan agus na h-aibhnichean thall'sa
bhos, 'na shealladh a tha araon a' fagail a lorg
domhain ann an cridheachan a mac mhothachail,
agus a' giulan a leithid a thoileachas inntinn,
ionnus gur i an tir so as fàrdach dhaibh as i am
miann gu fior. Bu choir do "thir nam beann"
a bhi na "tir nan gaisgeach " ullamh gu cogadh
airson an tir mhàthaireil an agaidh gach fear-
fòirnidh, agus rùnaichte gach gnè eu-ceart iomain
thar a criochan.
Agus is i so tir nan dachaidhean as sltheile agus
as sona a tha air an talamh. Mur 'eil pailteas
againn, is fhada tha slth againn. Mur 'eil ar
fearann cho torach ri talamh dhùthchanan eile,
40

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence