Skip to main content

‹‹‹ prev (46)

(48) next ›››

(47)
Saor-Thoileach
i againn do bhrigh gu do ghràdhaich ar sinnsir i
eadhon gu bàs. Chuir iad meas mòr oirre a
chionn gu'm b'àill leo aoradh a dheanamh do Dhia
a reir 'Fhocail, agus a bhi saor gu thoil a chur an
ceill agus a dheanamh. Tha an t-saorsa so againn
a nis do bhrigh gu'n do choisinn iad coir a
sealbhachadh le eirig am fola. Ach tha innleachdan
air chois a chum ar spiiineadh de an asgaidh
luachmhor so. Tha an Roimh a' roinn ar dùthcha
a rithist, mar bu nòs, 'na sglreachdan Easbuig,
thairis air am bi buidheann bho chumhachd
allmharach, gniomh-chomasach a bhi comh-chur
reachdan na Ròimhe. Ma dh'fhaodhta, ann an
ùin gun bhi fada, gu'n dean na h-innleachdan
seòlta agus glòir-mhiannach so ùbraid mhòr 'nar
tìr. Tha iadsan a tha gniomhach 'sa' chùis so,
'nar measg, a' feitheamh air an uair anns am bi
cumhachd Papanas 'san tir so air arach gu Ian
neart, ionnus, le cobhair allmharach an taic luch-
brathaidh 'nar measg, gu'm bi e comasach air ar
cur a rithist fo chis do chumhachd fuilteach an
Ana-Criosd. Na ruigeadh an la eagalach so
oirnne, bhiodh feum air arm de shaighdeirean
saor-thoileach Prostanach a chathachadh airson
saorsa, agus a rùnachadh, mar na Cioiihnantaich
roimh so, nach bi lorg coise an fhoireigniche
39

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence