Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
Mac an Duine
aige ann an aon làimh, is cungaidh shearbh aige
's an làimh eile, agus cha 'n urrainn do'n duine
thinn a bhi air a leighis gus am bi iad so air an
cleachdadh. Air an taobh eile tha neach 'n a
sheasamh agus deoch caidil aige ann an aon làimh,
agus deoch phuinseanach aige 's an làimh eile.
Tha deoch cadail aige chum 's gu'n toir e dha an
deoch eile. Ciod e 'tha mi a' faicinn ? Tha mi a'
faicinn an duine tinn a' tionndadh o'n leigh, agus
a' tionndadh ris an fhear eile le bheul fosgailte,
chum is gu'n gabh e an deoch cadail. O, tha na
milltean ann an diugh a' tha deanamh sin ann an
seadh spioradail. Tha iad a' tionndadh air falbh
o'n t-Slanuighear, agus tha iad a' dol comhla ris a'
Mhilltear.
Tha mi a' faicinn Chriosd a' tighinn le a Spiorad,
agus ciod is crioch dha theachd? 'Nuair a tha
neach a' dol a shireadh airson ni a tha caillte, tha
e gle thric a' lasadh coinnle chum 's gu'm faigh se
e. Cha'n'eil feum aig an Tighearn air coinneal,
ach tha feum aig an duine bhochd air sin. Tha e
a' teachd agus a' cleachdadh focail an Lagha an
toiseach. Ma dh'fhaoidte gu bheil e beantainn ri
cleachdadh air choireigin a bh'aige, agus tha 'm
focal a nis 'n a f hocal ditidh dha, agus tha e 'g a
fhaicinn fhein toilltinn a bhi air a thilgeil gu
26

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence