Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
Mac an Duine
Ach ciod mu a theachd ?
I. 'S e so fhoillseachadh anns an fheòil — a
bhreith. Cionnus is urrainn domh 'aithneachadh
'nuair a thig e ? C ait' an teid mi a choimhead
air a shon ? 'N ann am measg nam prionnsachan
as àirde 's an tir, no anns na caistealan as mo?
Cha 'n ann. Cha 'n f haca mi ach aingidheachd an
sin. Cha 'n fhaigh thu e ach am measg nam
beathaichean anns an stàbull— anns a' phrasaich,
agus, theagamh, gu robh am biadh a bh'aig na
beathaichean air a sguabadh air falbh mu'n robh
e air a chur an sin. longantas ! O ! an t-iongantas
tha 'n so ! Dh'aithnich na buachaillean e, agus
na daoine gHce, agus na'm faiceadh tu e gun
bhuaidh an ungaidh bhi ort, theireadh tu gu
robh iad amaideach. Ach bha iad ghc, oir
chunnaic iad anns an " leanabh bh' air a bhreith,
am Mac bh' air a thabhairt" — blia glòir na
Diadhachd ann an naoidheanachd a dhaonnachd
a' dealrachadh an sin. Cha'n'eil mi gabhail
iongantais riu airson a bhi deanamh na rinn iad.
Thàinig e, agus is briagha an ni bhi coimhead
ri a sheasamh 'nuair a thàinig e. C ait' a bheil e ?
Air an talamh ? Na's fhaisge. Ann an nadur
an duine? Na's fhaisge. Ann an àite nan
ciontach ? Na's fhaisge. Fo'n lagh ? Na's fhaisge.
19

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence