Skip to main content

‹‹‹ prev (25)

(27) next ›››

(26)
Mac an Duine
ni air a bheil iadsan a theàrnar a' cur feum. Na'm
faiceadh tu cho maiseach 's a tha e, bheirinn
diibhlan duit so fhàgail an diugh as-eugmhais-
san. Le sealladh fo 'n ungaidh air-san 'n a
dhaonnachd is 'na Dhiadhachd, bheirinn dùbhlan
duit cumail air falbh uaithe.
III. A theachd. Mar is e so an Ti, amharc ri
theachd. Nach e so am focal aoibhneach? An
d'rinn do chridhe riamh dannsa ris? Tha thu
'g ràdh — " B' f hearr learn dannsa a dheanamh le
mo chasan." Gu dearbh, tha iomadh amadan ann
cosmhuil riut-sa, ach na'm biodh dannsa a' chridhe
agad ris an fhuaim so, cha dhiùltainn dol comhla
riut. Bha soisgeul ann roimhe sin — gu'n robh e
tighinn — tighinn a reir a gheallaidh an Eden —
"gu'm bruthadh sliochd, na mnà ceann na
nathrach." Bha so aig Abraham — gu robh e
teachd — bha e aig Noah — bha e aig Maois. Bha
gach iobairt ag ràdh — "Tha an t-Uan a' teachd."
Bha Daibhidh 'g a chur an ceill anns na Sailm,
Isaiah anns an fhaidheadaireachd, agus na Faidh-
ean uile gu Eoin Baiste mu dheireadh, ach
mu'n do sguir e b'urrainn e a ràdh, cha 'n e a
mhàin gu robh e teachd, ach gu'n d' thainig e — -
"Feuch Uan Dc tha tabhairt air falbh peacaidh
an t-saoghail."
i8

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence