Skip to main content

‹‹‹ prev (337)

(339) next ›››

(338)
320 WEST niGHLAXD TALES.
cubhaidh dhomh, air neb bidh m' obair d'a reir, cha'n 'eil orm a
dheanamh ach mar is urrainn mi, feuch a bheil thu a gabhail an
aireachas a bho'daich," Cha'n 'eil, cha'n 'eil," orsa am bodach, 's fhuair
Mac-a-Rusgaich a bhiadh na b' f hearr na dheigh sin.
'S bha latha eil' ann 's dh' iarr am bodach air Mac-a-Rusgaich e a
dhol a chumail a chroinn ann 'n dail a bha sh'ios bho'n tigh, 's dh'
fhalbh Mac-a-Ruscraich 's rainig e far an robh ancrann, 's bheir e air
na uaidnean na lamhan 's sheas e ann sin. 'S tliainig a mhaighistear
far an robh e, 's thuirt a mhaighistear ris, " Cia air son nach 'eil thu a
deanamh an treabhadh ?'' 's thubhairt Mac-a-Rusgaich. " Cha'n e mo
bhargan treabhadh a dheanamh, ach mi a chumail a chroinn, 's tha thu
a faicinn, cha'n 'eil mi a leigeal leatha falbh," 's thubhairt a mhaighis-
tear. " Na h-uire 's na h-uireandan ortl" 's thubhairt Mac-a-Rusgaich.
" Na h-uire agus na h-uireandan ort f hein a bhodaich ! a bheil thu
a gabhail an aireachais do'n bhargan a rinn thu?" "0! cha'n eil,
cha'n eil," thuirt am bodach, " Ach ma bheir thu dhomh duals eil' air
a shon, ni mi treabha," orsa Mac-a-Rusgaich. " 0' bheir, bheir," orsa
am bodach. 'S rinn iad bargan iir man treabhadh."
'S bha ann latha 's dh' iarr an tuathanach doiribh air Mac-a-Rusg-
aich, e a dhol ris a mhonadh, a shealtuinn am faicidh e ni air bith
air an dochair, 's chaidh Mac-a-Rasgaich ris a mhonadh, 's an uair a
chunnaic e a thiom fein thainig e dachaidh, s dh' f harn-iid a mhaighis-
tear deth, " Au robh gach ni ceart ann sa' mhonadh?" 's thuirt Mac-a-
Rusgaich. " Bha am monadh e f hein ceart," 's thuirt an tuathanach
doirbh. " Cha'n e sin a tha mise a farraid ach an robh crodh nan
coimhearsnaich air an taobh fein?" 's thubhairt Mac-a-Rusgaich.
" Mo bha, bha, 's mar robh leigear da, 'se mo bhargansa a monadh a
bhuachailleachd, s gleidhidh mise am monadh, tar a bheil e,"'s thubh-
airt am bodach. " Na h-uire s na h-uireandan ort a bhallaich," 's
thubhairt esan,"Nah-ulre's nah-uireandau ort fein a bhodaich, a bheil
thu a gabhail an aireachas gu'n do rinn thu a leithid do bhargan ?"
" Cha'n eil, cha'n eil," orsa an tuathanach doirbh, " bheir mi dhuit
duals eile air son an crodh a bhuachailleachd," 's thubhairt Mac-a-
Rusgaich. " Ma gheibh mise duals eile, gabhaidh mi os laimh mo chi
mi crodh nan coimhearsnaich air a ghrunnd agadsa, gu'n till mi air
an ais iad, agus ma chi mi do chrodhsa air grunnd nan coimhears-
naich tillidh mi air an ais iad thun do ghrunnd fein, ach ged do theid
cuid diubh a chall, cha ghabh mi os laimh am faotainn, ach ma dh'
iarras tu orm del gu'n iarraidh theid mi ann, 's mo gheibh mi iad bheir
mi dachaidh iad."
'S cha robh aig an tuathanach dhoirbh air ach cordadh ri Mac-a-
Rusgaich, 's duals eile a thobhairt do Mac-a-Rusgaich, "s duals eile a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence