Skip to main content

‹‹‹ prev (336)

(338) next ›››

(337)
SGEULACHD MHAC-A-RUSGAICH. 3 1 9
a bhuachailleachd," 's thuirt Mac-a-Eusgaich, "Ni mi sin," 's thuirt an
tuatlmach, '• 'S bithidh agut ris a chrann a chumail," 's thuirt Mac-a-
Rusgaich. " Ni mi sin." " 'S bithidh nathuibhire do gnothaichean
eile agut ri dheananih cuideauhd," 's thuirt Mac-a-Rusgaich. " Am b
na gnothaichean sin duilich a dheanamh?" 's thuirt am fear eile,
" (Jha bhi, cha 'n iarr mise ort a dheanamh ach rud a 's urrainn duit
a dheanamh, Ach cuiridh mi 'sa chumhnant, mar freagair thu, gu 'm
feuni thu da thuarasdal a phaigh dhomhsa," 's thuirt Mac-a-Rusgaich
"Cuiridh mise annsacliunihnant ma dh' iarras tuorm rud air bhithea
dlie inamh ach rud a 's urrainn mi a dheanamh, gu 'm feum thusa da
thuarasdal a tlioirt domhsa;" 's chbirt iad uin.e a sin.
Agus thubhairt an tuathanach doirbh, " Tha mise a cuir ann 'sa
cliumhnant ma ghabhas a h-aon air bith againn an t-aithreachas,
gu 'n teid iall a thobhairt as a chraicionn o chiil a chinn gu 'shail," 'S
thubhairt Mac-a-Rusgaich. " Cuimhnich gun dubhairt thu sin a
bhodaich," 'Sghal)h e tuarasdal aig an Tuathanach dhoirbh, 'schaidh
e dachaidh d' a ionnsaidh.
'Se a chiad obair a chaidh iarraidh air Mac-a-Rusgaich a dheanamh,
e a dhol do 'n mhonadh a thilgeadh moine, 's dli' iarr ]Mac-a-Rusgaich
a bhiadh-maidne ma'm ialbhadh e, 's nach ruigeadh e a leas tighinn
dachaidh air a shon, 's f huair e na bha iad a luathsachadh do bhiadh
air seirbheisich aig aon trk, 's dh' ith e sin, 's dh' iarr e a dhinneir
"s nacli ruigeadh e a leas stad aig meadhon latha, 's f huair e an luath-
sacha a bha air son a dhinneir, s dh'ith e sin, 's dh'iarr e a shuipeir
's nach ruigeadh e a leas tighinn dachaidh aig an oidhche, 's thug iad
sin da, 's dh'ith e sin; 's chaidh e far an robh a mhaighistear, '.s dh'
fliarraid e deth, " Ciod 's abliaist do na seirbheisich agutsa a dheanadh
an deigh an suipeir?" 'g thubhairt a mhaighistear ris, "Is abhaist
doibh an aodacli a chuir diubh 's dol a luidh," 's dh' f halbli Mac-a-Rus-
gaich far an robh a leaba, 's chuir e dheth aodach 's chaidh e a laidh.
Chaidh a bhana mhaighistear far an robh fear a bhaile, 's dh' fharr-
aid i deth, "Gu-de an seorsa gille a f huair e an siud, gu'n d' ith e na
tri traithean a dh' aon fra, 's gu'n deachaidh e a luidh ?" 's chaidh a
mhaighistear far an robh Mac-a-Rusgaich, 's thubhairt e ris, " Gar son
nach eil thu aig obair? 's thubhairt Mac-a-Rusgaich." Tha gun
dubhairt thu-fein rium, gu'm be a b' abhaist do d' sheirbheisich-sa
dheanamh 'nuair gheibheadh iad an suipeir, an aodach a chuir diubh
"s dol a luidh, 's thubhairt a mhaighistear, " 'S cia airson a dh' ith thu
na tri tra 'n marchomhla?" 's thuut Mac-a-Rusgaich, "Th:i gu'n
robli na tr~i traithean beag gu leoir gu duine a dheanamh sathach," 's
thubhairt am maighistear, " Eirich 's rach gu t' obair," 's thubhairt
Mac-u-Rufgaich eiridh ach feumaidh mi mo bhiadh fhaotainn mar is

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence