Skip to main content

‹‹‹ prev (338)

(340) next ›››

(339)
SGEULACHD MHAC-A-RUSGAICH. 32 I
tlioirt da air son an crodh a bhuachailleachd. Agus blia iad reidh re
grathunn n'a dheigh sin.
An ath latha chaidh am bodadh e fhein ris a mhonadh, agus cha
b' urrainn d'a na h-aighean aig fhaicinn, Dh iarr air an son, ach cha
b' urrainn d'a am faotuinn. Cliaidh e dachaidh ; s thubhairt e ri
Mac-a-Rusgaich, Is flieudar duit fein dol a dh irraidh air son na 'n
aighean a Mhic-a-Rusgaich, cha b' urrainn mise am faotuinn an
diugh, Agus rach thusa gu an iarraidh, s iarr iad gus gu m faigh tliu
iad,
Thubhairt Mac-a-Rusgaich, "Agus c'aite an teid mise ga'n iarr-
aidh?"
Thubhairt am bodach, " Rach agus iarr iad ann is na h-aiteachan
ann san saoii thu iad a bhith, agus iarr iad ann an aiteachan ann is
nach saoil thu iad a bhith."
Thubhairt Mac-a-Rusgaich, " Ni mise mar sin ma-ta,"
Chaidh am bodach a stigh do 'n tigh, Agus fhuair Mac-a-Rusg-
aich f^ra, s chuis e ris an tigh a. Chaidh e a naird air an tigh, agus
tlibisich e air spionadh na tubhadh far an taigh, s ga thilgidh le
leathad, Agus ma'n : d' thainig am bodach a mach a rithis'd, bha an
tubhadh gu ach ro bheagan far an taigh, s na cabair lom, Agus Mac-
a-Rusgaich a a spionadh s a tilgidh le leathad a chorr.
Thubhairt am bodach, " Na h-unradh s na h-urchoidean ort a
bhallaich cia-de a thug ort an tubliadh a thoirt far an taigh mar
sin?"
Thubhairt Mac-a-Rusgaich, " Tha gu m bheil mi a'g irraidh na'n
aighean ann an tubhadh an taigh." Thubhairt am bodach, " cia mar
a tha thu a'g iarraidh na'n Aighean ann an tubha an taigh, far am
bh'eil thu cinnteach nach eil iad ? "
Thubhairt Mac-a-Ku?gaich. " Tha gun do iarr thu fhein orm, an
iarraidh far an saoilinn iad a bhith. Agus cuideachd mi gu'n iarr-
aidh ann an aiteachan, far nach saoilinn iad a bhith. Agus cha 'n
eil aite air bith far an lugh a tha do shaoilsinn agamsa iad a bhith
ann, na ann an tubh an taigh."
Thubhairt am bodach, "Na h-unradh agus na h-urchoidean ort a
bhallaich." Thubhairt Mac-a-Rusgaich, " Na h-unradh s na h-urch-
oidean ort fein abhodaich. Am bh'eil thu a gabhail an aireacbas gun
d' iarr thu orm na h-aighean iarraidh far nach saoilinn iad a bhith ?"
" Chan eil, cha'n eil, thubhairt am bodach, Rach a nise agus iarr iad
ann an aiteachan far am bheil a coltach gu 'm faot iad a bhih ann."
"Ni mise mar sin," orsa Mac-a-Rusgaich.
Dh fhalbh Mac-a-Rusgaich a dh iarraidh nan aighean, Fhuair e
iad, s thug e dachaidh iad, An sin, dh' iarr a mhaighstir air Mac-a-
VOL. II. Y

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence