Skip to main content

‹‹‹ prev (364)

(366) next ›››

(365)
SGEULACKD MIC IAIN DIRICH. 347
luidh leatha, ma'n d' thainig an oidhche. Chaidh leaba a dheanamh
deas daibh, 's chaidh iad a luidh, ach is beag fios a bha aig righ Eirinn
gu'm b'e an gille mairtean a bha aige. 'S cha robh iad fada nan luidh,
gus an do leum an gille màirtean air an righ, 's cha d' f hag e mire
feoil eadar cùl a mhuineil a's a bhunamhàs, nach tug e dheth.
'S dh' f halbh an gille-mairtean, 's dh' f hag e righ na h-Eirionn na
abalach truagh leonta, 's chaidh e 'na ruith far an robh Mac Iain Dirich
's Nighean righ na Frainge, 's an fhalaire bhuidh. Thuirt an gille-
mairtean, " Theid mise an riochd long, 's rachadh sibhse air bord
urra, 's bheir mi gu Diiirath sibh.
Dh' fhas e ann an riochd long, 's chuir Mac Iain Dirich an fhalaire
bhuidh a stigh an tbiseach, 's chaidh e f hein 's nighean righ na
Frainge, a stigh as a deigh. Agus sheol an gille-mairtean leo gu
Diiirath 's chaidh iad air tir aig creagan nan deargan, aig Cille-
mhoire, aig ceann mo thuath Dhiurath. 'S tra chaidh iad air tir,
thubhairt an gille-mairtean, "Fag thusa an fhalaire bhuidh, 's
nighean an righ ann an so, gus gun till thu, 's theid mise ann an
riochd fklaire, 's theid mi leat gu mnathan mora Dhiurath, 's bheir
mis' an diol falaireachd dhaibh."
Chaidh an gille-mairtean ann an riochd fklaire, chuir Mac Iain
Dirich an diolaid oir air a dhrim, 's an t srian airgiod na cheann, 's
chaidh e a dh' ionnsaidh seachd mnathan mòr Dhiurath leis. Nuaira
chunnaic na seachd mnathan mor e a'tighiun, thainig iad na choineamh
leis a chlaidheamh gheal-sholais, 's thug iad d'a e. Thug Mac Iain
Dirich an diolaid oir far druim a' ghille-mhairtean, 's an t-srian air-
giod a a cheann, 's dh' fhhg s-e aca e, a's dh' f halbh e fhein leis a
chlaidheamh gheal-sholuis, 's chaidh e far an d' fhag e nighean righ na
Frainge, 'S an fhalaire bhuidh a fhuair e o righ na h-Eirionn. Agus
shaoil mnathan mor Dhiiirath, gu'm b'efalairebhuidh righ na h-Eirionn
a fhuair iadsan, 's bha cabhaigmhor urra gu dol g'a marcachd. Chuir
iad diolaid air a druim, 's shrianaich iad a ceann, 's chaidh te' dhiubh an
aird air a drim, gus a marcachd, chaidh te eile an aird air cidabh
na te sin, 's te eile aig ciilamh na te sin, 's bha daonnan rum air son
te eile ann, gus h-aon an deigh h-aon, gu'n deachaidh na seachd
mnathan mor air druim a' ghille-mhàirtain, 's diiil aca gu'm b'e an
fhalaire bhuidh a bha aca.
Thug te dhiubh buille le slait do'n ghille mhairtean, 's ma thug,
ruith, 's roideasairich e air ais, 's air aghaitlh, leo, air feadh a mhonaidh,
's ma dheireadh chaidh e 'na leum-ruich, an aird thun mullach monadh
Dhiurath, 's rainig e mullach aodann na creige mor' a tha ann an sin,
's charaich e aghaidh ris a' chreige, 's chuir e a dha chas toisich ri
beulaobh na creige, 's thilg e an aird a cheann deiridh, 's thilg e na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence