Skip to main content

‹‹‹ prev (365)

(367) next ›››

(366)
348
WEST HIGHLAND TALES.
seacbd mnathan mòr thair a' chreige. 'S dh f halbh e a' gàrachdaicli, 's
rainig e far an robh Iain Direach 's nighean rigli na Frainge, leis an
fhklaire bhuidh, agus an claidheamh geal-sohiis.
Thubhairt an gille-mairtean, " Cuiridh mise mi fhein ann an
riochd bata, 's racli fein agus nighean righ na Frainge air bòrd, a' s
thugaibh leibh an fhalaire bhuidh, 's an claidheamh geal soluis, 's
bheir mise gu tir mòr sibh."
Chuir an gille mairtean e fhein ann an riochd bata, chuir Mac
Iain Dirich an claidheamh geal-soluis, 's an fhalaire bhuidh air bòrd,
's chaidh e fhein 's nighean righ na Frainge, a sti^h air bòrd as an
deigh, 's chaidh an gille mairtean gu tir mor leo. Nuair a rainig iad
tir, chuir an gille-mairtein se fhein na riochd fein, 's thubhairt e ri
Mac Iain Dirich.
" Fag thusa nighean righ na Frainge, an fhalaire bhuidh o righ
Eirinn, 's an claidheamh geal soluis, ann an sin, 's theid mise ann an
riochd claidheamh geal soluis, 's thoir thusa a dh' ionnsaidh an
fhamhair mi, 's thoir thusa dh' a_ mi air sou na seabhaig, 's bheir
mise 'dlùol claidheamh dh' a.
Chuir an gille mairtean e fein an riochd claidheamh geal soluis.
'S thug Mac lain Dirich leis e adh' ionnsaidh an fhamhair. 'S tra a
chunnaic am famhair e a' tighinn chuir e an t-seabhag ghorm
ann am miirlag, 's thug e do Mhac Iain Dirich i, 's dh' f halbh e leatha
gus far an d' f hag e nighean righ na Frainge, an fhalaire bhuidh, 's
an claidheamh geal soluis.
Chaidh am famhair a stighleis a' ghille-mhairtean 'nalaimh, 's e
fhein a' saoilsinm gu'm b' e claidheamh geal soluis mnathan mora
Dhiiirath a bha aige. 'S thoisich e air fionnsaireachd 's air sguaiseal
leis; ach ma dheireadh, llih an gille mkirtein fhein, agus sguids e na
coig cinn farr an fhamhair, 's chaidh e far an robh Mac Iain Dirich, 's
thubhairt e ris.
" A Mhic Iain Dirich, cuir an diolaid òir air an fhalaire, a's an t-
srian airgiod na ceann ; 's rach fein ga marcachd, a's thoir nigh-
ean righ na Frainge aig do ciilaobh a's an claidheamh geal soluis, 's a
chill ri d' shroin. Air neò mar bi thu mar sin, tra chi do mhiiime thu,
tha sealladh aic' a tha cho nimh is gu'n gon i thu, 's tuitidh tu ann
a'd'chiial chrionaich; achma bhitheas ciil a' chlaidheimh rid' shroin,
's am faobhar rithse, a nuair a dh' fheuchas i ri doghonadh, tuitidli i
fein 'na ciial chrionaich."
Rinn Mac Iain Dirich mar a dh' iarr an gille-mairtean air, 's a
nuair a tluiinig e an sealladh an taigh, 's a sheall a mhuime air le
siiil nirnheil, ghoimheil, tlmit i 'na ciial chrionaich ; 's cliuir Mac
lain Dirich teine rithe, 's bha e an sin saor o eagal, 's bha aige a' bhean

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence