Skip to main content

‹‹‹ prev (363)

(365) next ›››

(364)
346 WEST HIGHLAND TALES.
an righ, 's bhuail e aig an dorus, thainig a h-aon a mach a dh'
fhaicinn co a bha ann, dh' innis e a sgeul, 's chaidh a thobhairt a stigh
do 'n lUchairt; dh' fharraid an righ dheth, cia as a bha e, 's gu-dea
bha e a deanamh an so. Dh' innis e sgeul na truaighe dhaibh, gu 'n
d' thainig stoirm mhòr air, 's gnn deachaidh an sgioba a bh' aige a
chal), a 's an long a bh' aige, a thilgeadh air tir tioram, 's gu 'n robh
i an siod, air a cuir an aird ri aodann creige,leis na tonnan, 's nach
robh fios aige, gu-de mar a gheibheadh e as i.
Chaidh an righ a's a' Bhanrigh, 's an teaghlach gu leir, gus a'
chladach, a dh' fhaicinn na long, 's tra bha iad ag amhrac na luing,
thòisich ceol anbharra binn air bord. Agus chaidh nighean righ na
Frainge, air bord, a dh' fhaicinn an inneal chiiiil, comhla ri Mac Iain
Direach ; 'S an uair a bhitheadh iadsan ann an aon seombar, bhitheadh
an ceol ann an seombar eile ; ach ma dheireadh, chualadh an ceol
air clair uachdair na luinge, 's chaidh iad an aird, air a clar uachd-
air na long. Agus 'sann a bha an long, a mach air a' chuan a
sealladh tir.
'S thubhairt nighean righ na Frainge, " Is olc an cleas a rinn thu
orm, c'kite am bh'eil thu los dol leam?" "Thh;" thubhairt Mac Iain
Dirich, "mi a' dol leat do dh' Eirinn, gus do thoirt mar mhnaoidh do
righ Eirinn, 's gu'm faigb mise uaidhsan an fhalaire bhuidh aige, gus
a tobhairt do mhnathan mora Dhiiirath, 's gum faigh mi uapsan
an claidheamh geal soluis aca, gus a thoirt do fliamhair mòr nan coig
cinn, nan coig mill, 's nan coig muinealan, 's gu'm faigh mi uaidhsan
an t-seabhag ghorm aige, gus a tobhairt dachaidh a dh' ionnsaidh mo
mhuime, 's gu'm faigh mi saor o m' chrosan, a's o m' gheasan, 's
bho dhroch eusaibh na bliadhna."
'S thubhairt nighean righ na Frainge, " B' fhearr leamsa, a bhith
mar mhnaoidh agad fein."
Agus tra thainig iad gu tir aig Eirinn, chuir an gille-mairtean e
fein ann an riochd mnaoidh bhriagh, 's thuirt e ri Mac Iain Dirich,
" Fag thusa nighean righ na Frainge ann an so gus gu'n till sinn ; 's
theid mise leat gu righ na h-Eirionn ; 'S bheir mise a dhiol mnatha
dh'a."
Chaidh Mac Iain Dirich a's an gille-mairtean gu tigh righ na
h-Eirionn, 's an gille-mairtean ann an riochd nighean bhriagh, 's a
laimh ann 'n asgailt Mhic Iain Dirich ; Tra chunnaic righ na h-Eirionn
iad ?.' tighinn, thainig e 'nan coinnimh, thug e a mach an fhalaire
bhuidh agus diolaid òir air a druim, 's srian airgiod as a ceann.
Dh' f halbh Mac Iain Dirich leis an fhalaire, far an robh nighean righ
na Frainge. Bha righ Eirinn ra thoilichte leis a' mhnaoidh òg a
f huair e ; 's bha cho beag foighidin aige, is gu'n robh e a los dol a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence