Skip to main content

‹‹‹ prev (245)

(247) next ›››

(246)
94 WEST HIGHLAND TALES.
'• Aisig dhòmlisa mo bhean." Ann am prioba na siila blia i ri
'thaobh. Nuair a fhuair e greim air a laimh 'na dha' làimh,
leig e chas air an ubh, 's bhàsaich a bheist. Bha 'bheist marbh
a nis, agus 'sann a nis a bha 'n sealladh ri fhaicinn. Bha i
uamhasach ri sealltainn oirre, bha na tri chinn di gun teagamh,
ach ma bha, bha ceann os-ceann cheann oirre, a^us sùilean, '3
cuig ceud cas. Coma co dliiu, dh' fhàig iad ann a 'sud i, 's chaidh
iad dhachaidh. Bha solas is gàirdeachas ann an tigh an righ air
an oidhche so, 's cha d' innis e do 'n righ gu so mar a mharbh e
na famhairean. Chuir an righ urram mòr air, 's bha e 'na dhuine
mòr aig an righ.
Bha e fein 's a' bhean a' sràidimeachd aon latha, 'n uair a thug
e fainear caisteal Ijeag ri taobh an loch, ann an coille. Dh' fhar-
raid e do 'n mhnaoi co bha gabhail còmhnuidh ann ? Thubhairt
i nach robh neach air bith a' dol a choir a chaisteal ud, bho nach
d'thainig neach air ais fathast a chaidh ann a dh' innseadh sgeùil.
" Cha 'n fhaod a ohùis a bhi mar sin," ars' esan ; " a nochd fein
chi mi co' tha gabhail comhnuidh ann." "Cha d' theid, cha d'
theid," thubhairt ise, "cha deach duine riamh do 'u chaisteal so
a phill air ais." "Biodh sin 's a roghainn aige," ars' esan. Dh'
fhalbh e, agus gabhar do 'n chaisteal 's nuair a ràiuig e 'n dorus,
thachair caiileach bheag, bbrosgulach ris 'na seasamh san dorus,
' Furan 's failte dhuit, a mhic an iasgair 's mi fein a tha toilichte
d' fhaicinn ; 's mur an onair do 'n rioghachd so do leithid a
thighinn inute ; 's urram do 'n bhothan bheag so thu thighinn a
stigh ; gabh a stigh air thoiseach, onair na h-uaisle, 's leig t'
anail : " 's a steach ghabh e ; ach a nuair a bha e air ti dol suas,
tharruing i an slacan-dhruidheachd air an cùl a chinn, 's air ball
thuit e 'n sin. "Air an oidhche so bha bròn ann an caisteal an
righ agus air an latha màireach bha tuireadh ann an tigh an
iasgair. Chunnacas a chraobh a seargadh 's thubhairt mac
meadhonach an iasgair, " gu 'n robh a bhn'ithar marbh," 's thug
e bòid is briathar gu falbhadh e s gu 'm biodh fios aige cait' an
robh corp a bhràthar na luidbe. Chuir e diollaid air each dubh,
's mharcaich è an dèigh a choin duibh (oir bha each dubh 's cii
dubh aig triùir mhac an iasgair) agus gun dol a null na nail, lean
6 air ceum a bhràtljair bu sine, gus an dràiuig e tigh an righ. Bha
6 so CO coltacli ri 'bhràthair 's gu 'n d' shaoil le nighean an righ gu
'ni be duine fein a })h' ann. Dh' fhan e 'n so 'sa chaisteal, 's dh'
innis iad dha mar thaohair d'a biàthair, agus do chaisteal beag na
caillichedh'fheumadh e'dol bognacruaidh mar thachradh, 's do 'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence