Skip to main content

‹‹‹ prev (246)

(248) next ›››

(247)
THE SEA-aiAIDEN. 95
chaisteal chaidh e, agus ceart mar a thachair do 'n bhràthair bu
sine, anns gach dòigh thacliair do 'n mhac mheadhonach, 's le aon
bhuille do 'n t-slacan-dhruidheachd, leag a' cbailleach e na sbin-
eadh ri' taobh a bhràthar. Air faicinn an darna craobb a' sear-
gadh do mhac òg an iasgair thubhairt e, gu 'n robh a nis a
dhitbis bhràithrean marbh, agus gu' feumadh fios a bhi aigesan
de 'm bàs a thàinig orra. Air muin an eich dhuibh ghabh e, 's
lean e 'n cù mar a rinn a bhràthair, agiis tigb an righ bhiiail e
mu 'n do stad e. 'Se 'n righ bha toilichte fhaicinn, ach do 'n
chaisteal dubh (oir 'se so ainm) cha leigadh iad e, ach do 'n chais-
teal dh' fheuniadh e dol, 's mur sin ràinig e 'n caisteal. " Failte
's f uran dhuit fein, a mhic an iasgair, 's mi tha toillichte d'fhaic-
inn ; gabli a steach 's leig t-anail," thuirt ise. " 'Stigh romham
thu, a ohailleach, 's coma learn sodal a muigh." " Each a steach
's cluinneam do chòmhradh." A' steach, ghabh a chailleach, agus
a nuair a bha a cùl ris, tharruing e a chlaidheamh 's spadar a ceann
dhi, ach leum an claidheamh as a laimh, 's ghrad rug a chailleach
air a ceann le a da laimh, s cuirear air a h-amhaich e mar' bha e
roimhe. Leum an cù air a chaillich, 's V)huail i 'm madadh coir
leis an t-slacan-dhruidheachd, 's luidh esan an sin, ach cha deach
so air mhithapadh do 'n òlach, 's an sàs sa chaillich gabhar e.
Fhnair e grèim air an t-shlacan-dhruidheachd, agus le aon bhuille
am mullach a cinn bha i ri talamh ann am prioba na sùl. Chaidh
6 beagan air agbaidh suas, 's faicear a dha bhràthair na 'n luidhe
taobh ri taobh. Thug e buille do gach fear dhiubh, leis an t-sla-
can dhrnidheachd 's air an cois bha iad. Ach 's ann so a bha 'n
spuill oir 's airgid, 's gach ni bu luachmhoire na chèile ann an
caisteal na cailliche. Thàinig iad air an ais do thigh an righ, 's
ann an sin a bha 'n gàirdeachas. Bha 'n righ a fas seann, agus
chaidh mac bhu shine an iasgair a chriinadh 'na righ, 's dh' fhan
an dithis bhràithrean latha 's bliadhna ann an tigh an righ, 's dh'
fhalbh an dithis a nis dhachadh le or 's airgiod na cailliche, 's
gach ni rionihach eile 'thug an righ dhoibh ; 's mai' do shiubhail
iad uaidh sin tha iad beo gus an latha 'n diugh.
Hector Urquhart.
2. Another version of this was told to me in South Uist, by
Donald MacPhie, aged 79, in September 1859.
There was a poor old fisher in Skye, and his name was Duncan.
He was out fishing, and the sea-maiden rose at the side of his

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence