Skip to main content

‹‹‹ prev (103)

(105) next ›››

(104)
86
Ach Dia bhi 'g a chòmhnadh 's a' riaghladh a roidean,
An ti 'm bheil mo dhòchas, fo chòmhnadh an Ard-righ,.
Lagaich mo dhoruinn, neartaich mo sholas,
Chuir mi ann an dòchas bhi ni 's oige na tha mi.
'S iomadach buille so b' eiginn duinn fliulang,
Bha chuing air ar muineal 's bu truim' i na phràiseach,
Cho trom ri cloich mhuilinn 'na sineadh air lunnan,
Ri iargain nan curaidh 's iad uil' air ar fàgail.
Greadan a' giieamhraidh a lagaich gu teann sinn,
'N uair chain sinn ar ceannard nach robh shamhla measg
Ghàidheal,
Connspunn na h-aoidhealachd leòghann na rioghalachd,
Dòruinn r' a innseadh do 'n linne nach d' thàinig.
Dòruinn r 'a innseadh, an doruinn a chlaoidh sinn,
Thoirleum 'n ar inntinn cho iosal ri 'r sàilean,
Ar Ceann-feadhna mòr prìseil bu mhòr urram 's an righeachd,
Gu 'n d' thug an t-eug dhinn e ar mi-fhortan làidir ;
Fhir a chunnaic ar cruadal, leig umainn am fuaradh,
Bi thusa 'n a' d' bhuachaill, air an uair so 'na àite,
Cuir dhachaigh Sir Seumas gun aiceid gun eislean,
Gu chuideachda fein Mhuire 's eibhinn mar thàrsuinn !
Chriosda gleidh dhuinne ar buachaille cliuiteach,
Ar n-uachdaran dùthcha tha churam an tràtlis oirnn ;
Allail ar fiiiran, smiorail 'us griinndail,
Fearail ri 'dhiisgadh 'nan tionndadh a mhànran.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence