Skip to main content

‹‹‹ prev (104)

(106) next ›››

(105)
87
Barant tha mùirneach, carraig ar biinndaisd,
Ar n-aon 's ar cairt dhùbailt 's ar criin air an tàileasg,
An ràmh nach 'eil bristeach, ar lann an am trioblaid,
Ar ceannard 's ar misneachd, fear briseadh a' bhàire.
An diisgach no 'n cadal duinn, 'n iirnuigh no 'n athchuing',
Ar deirce 'g a nasgach thu thigh'n dhachaigh sàbhailt ;
Mìiint' ann an cleachdadh thu, cliiiiteach ri d' chluaistinn
thu,
Muirneach ri t' fhaicinn, air each no air làr thu.
Ar n-aighear 's ar solas, ar fion air na bordaibh,
Ar mire 's ar ceol thu, 's ar dòigh air ceòl-gàire ;
Ar connspunna feile, a dheonaich Mac Dhe dhuinn,
Gu coir chur air steidhe, 's gu eucoir a smàladh.
Gur h-innealt' an connspunn Ceann-cinnidh Chlann Uòmh-
nuill
Fear iriosal stolda gun tòir air an àrdan ;
Eireachdail, coimhliont, soilleir 'an eolas,
Canar 'n am togbhail ris, bochdan mo làmhsa ;
Cùirtear na siobhaltachd, iirla na h-aoidhealachd,
Tlusail ri dilleachdain 's cuimhneach air àiridh,
Aigeannach innsgineach, beachdail air rioghalachd,
Gaisgeach ro mhiltean, 'nan sineadh e 'n gàirdean.
Mo run an sàr ghaisgeach, fear òg a' chiiil chleachdaich,
Fear moralach gasda, gun ghaisgeadh, gun tàire.
Curaidh nam brataichean, guineach ri 'm bagairt iad,
Chuireadh an t-sradag, 'na lasair gun smàladh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence