Skip to main content

‹‹‹ prev (102)

(104) next ›››

(103)
85
Buidheann rìoghail 's fior-ghlan alia,
Buidheann gun fhiamh 's iotadh fal' orr' ;
Buidheann gun sgàth 'm blàr no 'n deannal
Foinnidh, nàrach, làidir, fearail.
Buidheann mòr 's am pòr nach troicheil,
Dh' fhàs gu meamnach dealbhach toirteil ;
Fearail fo 'n airm 's mairg d' a nochdadh
Ri uchd stoirm nach leanahail coltas.
Suidheam mu 'n bhord stolda, beachdail,
'N t-sùil 's an dòrn nach 51 a mach i,
Slàint' Shir Seumas 'se thigh'n dhachaigh,
Aon Mhac Dhe mar sgeith d' a phearsa.
ORAN
DO SHIR SEUMAS MAC-DHOMHNUILL
SHLEIBHTE.
Air tuiteam a' m' chadal a nis o chionn fada,
Gu 'n d' thachair dhomh aiceid a stad ann am bhrcàghad
Tha cneadh air mo ghiiilain tha àmgharrach ciùirte,
Cha bhi mi "g a mùchadh gu 'n riiisg mi os àird i :

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence