Skip to main content

‹‹‹ prev (101)

(103) next ›››

(102)
84
'N tir is bòidh'che ta ri fhaicinn,
'M bi fir òg an còmhdach dreachmhor,
Pailt ni 's leòr le pòr na machrach,
Sprèigh air mòintich ; òr air chlachan.
An Cladh Ciiòthain rugadh mise,
'N Aird-a-Runnair chaidli mo thogail,
Fradharc a' chuain uaimhrich chuislich,
Nan stuadh guanacli, cluaineach, cluicheach.
Measg Chlann-UòmhnuiU fhuair nii m' altrum.
Buidheann nan sròl 's nan seòl daithte',
Nan long luath air chuantan farsuing,
Aiteam nach ciùin rùsgadh ghlas-Iann.
Na fir eòlach, stòlda, staideil,
Bha 's a' chòmhstri stròiceach, sgaiteach,
Fir gun bhròn gun leòn gun airtneul,
Leanadii tòir 'us toir a chaisgeadh.
Buidheann mo ghaoil nach caoin caitean,
Buidheann nach gann greann san aisith,
Buidheann shunntach 'n am bhi aca,
Rùsgadh lann fo shranntaich bhratach.
Buidheann uallach an uair caismeachd,
Leanadh ruaig gun luaidh air gealtachd,
Cinn 'us guaillean cruaidh 'g an spealtadh,
Aodach ruadh le fuaim 'ga shracadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence