Skip to main content

‹‹‹ prev (9)

(11) next ›››

(10)
10
àireamh a bha tinn 's a bliàsaich am measg nan saighdear ; 's
cha-n 'eil comharradh eile 's fhearr na sin gu breithneachadh
fallaineachd tìre. Chaidh iomadh neach anfhann, agus fo thin-
neas caitheimh gu ruig Neiu Zealand, gu sònruicht' air son sin,
's mur do ghabh an eucailean greim bàsmhor dhiubh, mar bu
trice dh' ath-bheothaicheadh iad gu neart 'us comas air son
dhleasannasan na beatha. Cha-n 'eil mòran teagaimh nach tig
Netu Zealand gu blii 'n a àiteleigliis ni 's iomraidiche na earrann
sam bith eile dheth Australasia, s gu-n togair aig Rotorua, le a
leuman uisge, 's le 'àitean-ionnlaid blàtha, baile dh' ionnsuidh
'm bi, an taobh a staigh a bheagan bhliadhnachan, cruinneachadh
mòrain skiaigh, mar a tha iad air an taobh so dheth 'n t-saoghal
a dol gu Harroivgate, Drochaid Allanish, Aachen Kissengen,
agus Srath-Feothair. Chaidh mòran oifigeach, 's a dhaoin' eile
as na h-Innsean gu ruig New Zealand, ann an tomhas air son
an slàinte, 's ann an cuid a chionn gu faod iad a bhi beò ni 's
saoir' ann na ann a Sasuinn, agus mar an ceudna do bhrìgh gum
faigh iad an cuid airgid a chur gu buil ni 's fhearr an.
Theid sinn a nis air aghaidh le tuairisgeul coitchionn na
dìithcha.
A' tòiseachadh leis a' chuid a 's fhaide tuath dheth Neio
Zealand, tha 'n tairbeart a tha sìneadh a mach mu chuairt 'us
dà cheud mìle tuath air bail' AucJdand, air a shamhlachadh ris
a chuid eile dheth New Zealand, mar a choimeasar Bevon ris a
chuid eile dheth Sasviinn. Tha aghaidh na tìr' eagsamhail, le
sreathan a dh-aonaichean àrda, 's le bàghan farsuing. Aig dol
a staigh nam bàgh sin, tha cuid dhiubh gle chundiang, eadar
creagan àrda, gruamach, ach air an taobh a staigh, tha iad a'
sgaoileadh gu leathunn, agus mòran dheth 'n cuid acairseid aig
beiil aibhnichean mòra. Tha 'n Kaijmra a' sgaoileadh a mach
'n a mòran mheur 's a' gabhail a staigh ioniadh abhainn, 's
dhiubh sin thii 'Wairoa domhain gu leòr, fad leth-cheud mìle,
air son hiingeas mheadlionach mhòr'. Do bhrìgh gum beil a
chuid mhòr dheth 'n dùthaich timchioll so air a còmhdachadh
le coilltichean Kauri — fiodh kiachmhor— tlia niòran shiaigh ag
obair, a' gearradh, a' deasachadh, 's a' reic an fhiodha, rè iomadh
bliadhna. Tha 'n obair cheudna air a giùhxn air aghart 'an
iomadh àit air an oirthir. B' e Bàgh nan Eilean (Bay oflslands)
le 'chala ciatach anns an tairbeart an ear-thuath, a' cheud àite
's an d' rinneadh tuineachas, 's anns na chuir teachdairean an
t-soisgeil suas an toiseach ann a' Nevj Zealand, ach a chionn
nach 'eil am fearann ann a' so gle fliarsuing, 's gum beil àite-
còmhnuidh na Flaitheachd aig acairseid sgèimheach Waitemata,
tlia 'n earrann sin air a cumail air ais o thcachd gu àirde nihòir
ann an seadli malairt no oibre. Tha 'n tairbeart gu h-iomlan,
le a glinn lionmhoir, thoraich, air a deagh uisgeachadh. Air a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence