Skip to main content

‹‹‹ prev (10)

(12) next ›››

(11)
11
feadh tha iomadh àitcachas beag, mar a ta Albertland, Wan-
garei, Hokianga, Wangaroa, MataJcana, Monganid, agus eadar
iad sin agus AucJdand tha co-cheaunachd air a giùlan air aghart
le bàtaichean-toit' agus loingcas bhcag eile, 's tha rathad-iaruinn
'g a dheanarah eadar AnrJ/hrud agus Kaipara. Tha àiteachas
gie mhòr aig Waipu, deth Ghàidheil Albannaich, a chaidh an
toiseach gu ruig Nova Scotia, agus à sin gu ruig Keio Zealand,
far an d' fhuair iad tahxmh mòran ni b' fhearr, agus àileadh ni
b' fhallaine.
Tha 'm bail' AucJdand, a th' air a shuidlieachadh, eadar aibh-
nichean a tha so-sheòlaidh, air a thogail air a' Waiternata, a'
fosgiadh ris an àird' an ear, agus faisg air tha cala MJianuJcau fos-
gailte ris an àirde 'n iar. 'S e 'n aireamh shluaigh th' ann, a' gab-
hail a staigh maille ris Parnell agus Neivton, mu chuairta 's 21,000,
arn feadh a ta 10,000 eile 's na frith-bhailtean 'an taobh a staigh
a dheich mìle dha, mar a ta Otahuhu, Onehunga (le 'phort air a
AlJianuJcau), HoivicJc, &c. Ann an ùin gun bhi fada, 's fheudar
gum bi AucJdand (le 'shuidheachadli cho freagarrach do Aus-
traHa, agus eadhon do America a Tuath agus a Deas), 'n a aon
dheth na h-àiteachan ghnothuichean 'us malairt a 's mo bhios
aig dùthchannan nan Cuan a Deas. Tha mar thà laimhrig
(;iuJiarf) ro ghrinn ann, aig am faod na loingeas a 's mò laidhe,
taighean-stòir seasmhach, agus iomadh taigh coitchionn a th'
air an seilbheachadh mar eaghiisean, taigheati tasgaidh airgid,
seòmraichean ghnothuichean na Fhiitheachd, &c. Tha e, mar
dh' fhaodair a radh mu bhailtean New Zealand 'an cumantas,
na bhaile ni 's grinne, 's ni 's giaine, na bailtean dheth a mlieu-
dachd ann a Breatuinn.
Dlùth dha, air an taobh a deas, mu 'n cuairt do TJtamaJci agus
Otahuhu, tha dìithaich gininn a dh-fhearann tarbhach, air a
deadh dhion le callaidean fiodha, agus gie mhath air a h-àiteach-
adh. A deas ni 's fhaide fathast, agus tha sinn a dlùthachadh
air tir WaiJcato, air rathad ciatach dà fhichead mìle dh' fhad.
An taobh a staigh a bhliadhna no dhà, tha dòchas agam gu-n
criochnaichear gu ruig am Bluff an rathad iaruinn a tha 'g a
dheanamh 's an àite so. Ann an sin tha 'n abhainn mhòr
WaiJcato, a dh-fhaodair a sheòladh ceudan mìle, a tionndaidh a
dh-ionnsuidh na h-àird an iar, agus a' (\o\ anns a' mhuir beagan
a deas air a' MJmnuJacu.
'S e WaiJMto aon dheth na ceàrnan a 's grimie ann a' Netu
Zealand, agus ged tha priomh-mhuinntir na dùthcha fathast
lionmhor ann, gidheadh tha Europeanaich an deigh tòiseachadh
air taomadh a staigh ann. Tha NgaruaivaJda (àit adhlacaidh
righ Maorach dheth 'n ainm sin) A lexandra, ag-us iomadh frith-
bhail' eil' a' fàs suas an am mòr thoirt, air na h-aibhnichean air
am beil sligh' fhosgailt aig hichd malairt, &c. Tha taigheau

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence