Skip to main content

‹‹‹ prev (8)

(10) next ›››

(9)
a tlia, cosmhuil ri Corinth, air a shuidhcachadh eadar da mhuir,
tha 'n t-àileadh àitidh agus blàth : ach an taobh a staigh dheth
'n Mhor-roinn fharsuing a tha 'giùlain an ainme sin — AucJdand
— ^tha e 'g eadar-dhealachadh gle mhòr, agus gidheadh cha-n
'eil ach tearc a dh-àiteachan air an t-saoghal a tha 'sealbhachadh
àileadh cho taitneach ri Bagh a Phailteis (Bay of Flenty) agus
ri Turanga no Bàgh na Gainne {Poverty Bay). Ann am mor-
roinn Haivke's Bay, far am beil na neòil-uisge air an glacadh, 's
air an tràghadh, le beanntaichean cloich-aoil Ruahine air an
taobh an iar, tha e tioram, teth 's an t-samhradh, ach 's ann
ainmig tha e mi-thaitneach. Ann a' Wellington, far am beil
gaothan làidir gn tric a' seideadh troimh Chaolasan ChooJc, tha
'n còrr a nàdur beothachaidh 's an àileadh na th' ann aon dheth
na mor-roinnean sin. An taobh a staigh na mòr-roinne, 's air
an oirthir timchioll Wangaìiui, tha ni 's mò dh' àitidheachd na
tha air an oirthir an ear, ach a mhàin ann an tomhas a tha 'g a
dheanamh 'n a aon dheth na h-earrannan tuathanais a 's fhearr
ann an Neiu Zealand. Faodair an tuairisgeul ceudn' a cho-
chur ri TaranaJci, dheth 'n gairmear Lios IS'e'W Zealand. Tha
anns an earrann an iar-dheas deth 'n mhòr-roinn, agus ann a'
Westland, a' gabhail a staigh raointean òir Hokotika, cus gaoith'
'us uisge. Ann an Canterhury, air taobh an ear an Eilean a
Deas, tha 'n t-àileadh mòran ni 's fhearr, ged tha 'n t-anabarra
teas 'us fuachd ni 's ro dh^in' ann na tha e anns na mòr-roinnean
eile, do bhrìgh nan gaoth fhuar a tha 'seideadh a mhàn 's a
gheamhradh o na beanntaichean sneachdach, agus nan gaoth
theth th' air uairibh a' sèideadh 's an t-samhradh, 's aig am beil
làn chothroim air sguabadh còmhnardan farsuing Neiu ZealaAid.
shuidheachadh Dhunedin 'am measg nani beanntaichean a
tha 'g a chuairteachadh, cha-n 'eil an t-àileadh ann cho taitneach ;
ach anns a' chuid eile dheth mòr-roinn Otago, dheth 'm beil e 'n
a àrd-bhaile, tha e mòran ni 's fheàrr.
Bu chòir a thoirt fanear ann an comh-dhùnadh na h-eaiTann
so dheth 'n tuairisgeul, gum beil ceò, ach ann a Westland a
mhàin, gle ainmig ri 'fhaicinn ann a' roinn sam bith dheth Neiu
Zealand. Fao(h\idh so a bhi 'n a aon aobhar a measg iomadh
cion-fath eile, gum beil an tìr sin clio anabarrach fallain. 'An
cumantas, tha àileadh New Zealand deth ghnè cho freagarrach
ri càileachdan Bhreatuinneach, &c., air son ath-neartachaidh nan
euslainteach, 's cho ion-mhiannaichte do thuathanaicTi 's do
bhuachaillean, 's gum faodair a ràdh gur i aon dheth na tìrean
a 's gi'inne air uachdar an t-saoghail. Tha 'n t-Ollanih Thomson,
nach maireann, a bh' ann a' rèisimeid Bhreatuinneach, 's a bh'
air a shuidheachadh iomadh bliadhn' ann an Ne^v Zealand, a
daingneachadh so ann a' leabhar a sgriobh e air an dùthaich sin,
far am beil e 'dearbhadh na baralach sin, le bhi 'g innse 'n
B

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence