Skip to main content

‹‹‹ prev (520)

(522) next ›››

(521)
GUAIDHEALACH.
Ged 'chum mi falacli an sgeula
Tha mi 'n dèigh bho chionn greis ort,
Aig a' mheud 's thiig mi ghaol duit
Tha m' aodann air preasadh :
Dh' fhàs glaise 'n ain ghi'uaidhean,
'S bochd a' Ijhuaidli th' air an t-sheirc sin,
A chaochail mo shnuadh dhiom,
Mar dhuine truagh 'thig a teasaich.
Mar dhuine truagh thig a teasaich.
A bhiodh fad ann am fiabhras,
'S ann a dh' fhàs mi mar fhuathaiche,
Cho cruaidh ris an iarunn;
Ach bho thoiseach ar sìnnsridh,
'''S trì nith' thig gun iarraidh,
An gaol agus eagal,
'Sgun leth-sgeul an t-iadach."
O R A N A' B II A LO N,
Thàinig am "Baloon" so d Eirinn blio cheann beagan bhliadhnachan.
Blia e air uaireaii a' tighinn cho dlùth do'n ghrunnd 's gu 'n d' rinn e
nioran millidh air gàraidhean criche mu'n cuairt do Phort-EUen.
Mu 's tior am bàrd blia cuid de na seann daoine air an cuir thuit^^e
gu mòr, oir shaoil iad gu'm b'e olc a thaobh eigin a bh'ann, agus feuniar
aideachadh gu'n robh aobhar aca : Tha e gle' chosmhail gu'n robh cuid
dhiubh nach cuala riamh iomradh air a leithid, gun tighinn air fhaicinn.
Rinneadh an t-oran aighearach so le GiIIeasbuig Mac Aflfara, ann
an Ile.
B'e sud a' bhliadhua fhiadhaich, bha piantach do iomadh neach,
A' bhliadhna thàin' an diabhul, air sgiathan o'n àirde-deas,
Shaoil na peacaich iargalta, 'bhliadhn' ud gu 'n robh iad leis.
A's ghuidh iad air an Trianaid, na Diadhairean a bhi deas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence