Skip to main content

‹‹‹ prev (521)

(523) next ›››

(522)
500 ORAIN
Cha cliualas ann am fàisneachd na fàidhean a bh' ann o shean,
Gu'n robh sùil ri Sàtan, 's na h-àiteachan so air leth,
Ach *s 6 'n latha thàinig e, chaidh sinn o bhi air chleith, [breith.
'Sinn gnn dòigh air sàbhaladh — b' fheàrr dhuiun nach deach' ar
B'e sud an latha muhidach, bha h-uile duine ri bhi 'n sàs,
Cha robh ùin' air aithreachas, a thaobh nach d'amhairc sinn air tràth,
Cha robh 'n creideamh daingean againn, 's cha robh math dhuinn
dol 'n a dhàil ;
Cha robh do neart a'n gin againn na ghleidheadh mionaid sinn o'n
bhàs.
Ged dh' cireadh sluagh Phort-Ellen 's a' h-uile ministeir a bh' ann,
Chuireadh esan crith orra, 'tigh'n thar na linne oirnn a nall;
Thafhios gu math nach b' urrainn duinn, bhistrìth ri cumail ris gun
taing. [cainnt.
'S air son sinn a bhi bruidhinn ris, cha tuigeadh esan smid dheth 'r
Bha iomadh cridhe fannachadh, an àm do'n Tamhasg ti:;h'n a nall,
A-ch cha robh stàth bhi gearan air, cha'n fhaighte maitheanas 'san àm;
Ghkioidh sinn 'n uair a mhothaich sinn da, gu'n robh 'n donas
oirnn teann ;
"Thàinig so mu dheireadh oirnn, 'se hvth' a' bhreitheanais a th'ann."
B'e sud an sealhxdh anabarrach, anamoch *n uair luidh a' ghrian,
Connsachadh a's argumaid aig cailleachan 's aig bodaicb liath,
Mìneachadh 's a' dearbhadh, gacli seanachas a bh' aca riamh
Mu 'n lcòghan bheuchdach, gharg, an .sean aicm bh'ac' air a' bhiasd.
Bu shearbh dhuinn am feasgar ud, cha deanadh teicheadh feum
air bith.
H-uile h-àite rachamid, bhiodh csan fngus dhuinn an sin,
'S ann bu ghann a sheasamid, chionn bha ar n-easgaidean air clirith,
'S sinn gun dòigh gun leth-sgeul againn, ach bhi leis a' h-uile gin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence