Skip to main content

‹‹‹ prev (519)

(521) next ›››

(520)
493 ORAIN
Mur faigh mi do blmanachd,
B' fheàiT gu 'm buailte mi thairis;
'S gu 'n càirte fo 'n lic mi
Ann an ciste chaol dhaingean;
Mu ni thu mo thrèigsinn,
B' fheàrr gu'n eugainn, 's nach fanainn
Aig a' meud 's thug mi 'spèis dhuit,
Cha 'n 'eil m' eihhneas air thaLandi..
Cha 'n 'eil m' eibhneas air thahimh,
Mur am faigh mi thu Mhàiri !
Cha dual domh bhi faUain
Mu bhios mi fada mar tha mi ;
Cha ghuidhinn mo ghahir
Do m' charaid no 'm nàmhaid ;
Chaidh acaid a' m' chridhe,
'S cha dean lighiche stùth dhomh.
Cha dean lighiche stàth dhomh,
Cha 'n f haigh mi plàsda 'ni leigheas ;
Tha mo thriobhiid do-thuigsinn,
Do dh' fhear nach d' fhairich a leithid
Mur dean thusa rium fàbhar
Bidh mi cràiteach fo dheireas;
Ach 's e 'dheanadh mo shlàinte,
Pog no dhà bho d' bheul milis.
Beul milis, dearg, daithte,
Deud shnaidhte mar dhìsnean,
Sùil ghorm is glan seaUadh
Fo 'n chaol mhal' aig an rìbhinn;
Tha cùl buidhe mar òr ort,
Is bòidhche na 'n dlthean ;
Blas na meal' air do iihògan,
'S b'e mo dheòin bhi riut sìnnte,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence