Skip to main content

‹‹‹ prev (518)

(520) next ›››

(519)
GIIAIDHEALACH. 497
Nar a meal mi mo chòta,
Mar b'e mo dlieòin a blii làmh riut,
'S a bhi brìodal ri 'm leannan,
A'n seòmar daingean na clàraidh,
An iuchair fhaotainn 'am phòca,
'S gun an tòir a bhi h'imh ruinn,
'S mi gu'n deanadh do phògadh,
Gun fheòraich de m' chàirdean.
Gun fheòraich de m' chàirdean,
'S fad' a dh' f halbhainn a' d' choinneabh,
Far an deanainn riut còdhail,
Cha bhithinn beò gun a cumail :
Tha mo dhùil anns a' mhaighdinn
Nach trèig do chaoimhneas mi uile;
'S mar do chaochail thu àbhaist,
Gheibhinn t' fhàilt' agus t' fhuran.
'S e t' fhuran a leòn mi,
'S a dh' fhàg am bròn so air m' aigne,
A thromaich m' inntinn fo èislein,
Cha dean mi èiiidh an gradaig;
Tha mo chridhe neo-shimndach,
Tha mi brùite fo m' aisnean,
Aig a' mheud 's thug mi ghaol duit,
'S nach fliaod sinn 'bhi tachaii't.
Nach faod sinn bhi tachaut
An àite falaich no 'n uaigneas,
Far an deanainn riut beadradh,
A's tacan cleasachd air uairean;
Ach 's e lagaich mo mhisneach,
1^'ach fhaod mi tric 'bhi mu 'n cviairt dhuit;
B' fheàrr a phòg na 'bhi falamh,
Mar am faigh mi do bhuanachd.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence