Skip to main content

‹‹‹ prev (392)

(394) next ›››

(393)
GHAIDHEALACH.
'S gach bean a chaidh luaidh riut
A bhi 's an uaigh o cheann ràithe;
Ach mise bhi fallaui,
A's thusa maii-eann 'na d' shlàinte;
Thus' a's mise, 'laoigh ghaolaich,
A bhi 'na'r n-aonar am fàsach ;
Sinn bhi 'n eilein 'nar dithisj
O 's e mo chi-idhe tha 'n geall air!
Sìor thoiseach an dùbhlaich
Dh'fhalbh mo stiùir 's mo chroinn-bhràgad,
Ach a righ mhòii- a' chruinne,
Cum 'na thuradh 's na thàmh e ;
Gus am buanaich iad Muile
Luchd a' chunnaù-t 's a' ghàbhaidh;
Luchd a dhìreadh nan stuadhan
Aii- muir ruaidh nan tonn àrda.
Tha gaoth mhòr air an latha,
'S uisge reamhar, trom, tlà ann.
Tha do bhreacan iliuch fionn-fhuar,
Gu b'e ionad ann do thàmh thu.
'S truagh gun m'eudach, a ghaoil, agad
Gu moch maduinn am màii-eachj
'S e bhi rithis gun fhios uait,
Seal mu 'm fiosraicheadh càch e.
'S e do bhreacan ùr uasal
A chum am fuachd 'uam is mi m' phàisdtin;
'S tric a chum thu mi tioram
Fo shileadh nan àrd bheann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence