Skip to main content

‹‹‹ prev (391)

(393) next ›››

(392)
OR AN
A RINN OlGH d'a LeANNAN 's E DOL A SHUIRICH
AiR Mnaoi eile air comhairl' Athar.
O 's tric mo shùil air an liime
A's air an fhireach is àirde;
'S tric mo shùil air mo dhèighinn,
Is e mo roghainn na dh'fhàg mi.
Thoir mo shoruidh do'n fhleasgach
A dh'fhalbh mu fheasgar le bharc uainn;
Chuir mo leannan a chùl i'ium,
'S chuir e chùram air bàta;
Ged a dhiùlt thu dhomh 'n t-aiseag,
A righ gu faicinn-se slàn thu !
Ged a dh'èitich thu rùm dhomh,
Cha bu dùmhail mi d' bliàta.
'S tric a bha mi 's tu sùgi-adh,
Ann am bùthan na ràimhe.
Atìti an coiUe nam badan
Is tric a ghlac thu air làimh mi.
'S cha b'e t' fhuath thug dhomh t'eiteach,
Ach mi bhi teisteil mu m' nàire.
Ach ma chaidh thu nunn thairis
A dh'fhios na cail' tha 'n Dun-seàthaich ;
'S truagh a righ, nach tu gheibheadh;
Fuar fodha i 'n dèigh a bàthaidh;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence