Skip to main content

‹‹‹ prev (393)

(395) next ›››

(394)
ILLE DHUINN.
Seisd. — Ille clhuiun, cliaidh thu 'm dhith !
Slàn gu 'n till thu 's gu 'n ruig thu !
IUe dhuinn, chaidh thu 'm dhìth !
Ille dhuinn a dh' fhalbh à Brògaig,
Bidh mi brònach gu 'n tig fios ort.
Ille dhuinn, etc.
Ille dhuinn an leadain àluinn,
'S ann Di-màirt a dh' fhàg thu mise.
Ille dhuinn, etc.
Dh' fhag thu mi air cnoc am aonar;
'S lèii- do 'n t-saoghal mar tha mise.
Ille dhuinn, etc.
Ille dhuinn an leadain dualaich,
'S ann Di-luain a fhuair mi fios uait.
Ille dhuinn, etc.
Ghabh iad thusa 'n arm Bigh Deòrsa;
Och mo leòn ! cha ghabli iad mis' ann.
Ille dhuinn, etc.
'S a' mhilisi an Dunèideann,
Dh' fhalbh mo cheud-ghaol fo na h-itean.
Ille dhuinn, etc.
Dh' fhàg thu mo shùilean gun lèii'sinn;
Ann a' d' dhèigh cha lèir dhomh litir.
Ille dhuinn, etc.
Ach na 'n gealladh tu mo phòsadh,
Chumitainn òr dhuit mar na sligean.
Ille dhuinn, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence