Skip to main content

‹‹‹ prev (135)

(137) next ›››

(136)
132
'Nuair bha thu ann an sith ruirr.
'8 e thuirt mi gun gho,
Gur tu is tearmunn dileas,
'S mo chuid an tir na'm beo.
Mo charaid thu ! na fag mi,
'San fhasach stuir mo cheum ;
Thoir neart da reir an la dhomh,
Na fag-sa mi 's na treig ;
'S 'nuair ni tinn mo bhualadh,
'S nach dean an sluagh dhomb feum ;
Dean thusa mo leabaidh suaimhnach,
A cluinntinn luaidli ort fèin.
'S 'nuair bhitheas an saoghal sgith dhiom,
'S gun ni ri dheanamh ruim,
Bhitheadh 'm bas na theachdair sith dhomh
Gu'm thoirt air tir a nunn ;
Theid mi a sealladh chaich,
A's mo ghuth gu brath cha chluinn ;
Ach bheir do ghairdean laidir
Mi tearuinnt thar na tuinn.
'Xuair thionaileas mo chairdean
'San uaigli gu'm charamh sios,
Bitheadh 'n uaigh na leabaidh tbamh dhoinh.
Gus an latha an tig thu rithis ;
Bi dluth tbroimh gleann a bhais dhomh,
'S a ghaoil na fag-sa mi,
(Jus 'm faic mi ann do ghloir thu,
Fad siorruidheachd mhor gun chrioh.
Dean trocair air mo chairdean
A dh' f hagas mi a'm dheigh ;
*S bitheadh mo chuid uan 'g an arach
Fo dhubhar sgail do sgeith :
Tog fein luchd teagaisg blath dhaibh,
Ni 'n comhnuidh sta do'n treud.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence