Skip to main content

‹‹‹ prev (136)

(138) next ›››

(137)
IS3
'8 bi ni 's dluthaidh dhaibh na brathair
Air feadh an laith' fo'n ghrein.
TOBAR NAN UISGEACHAN BEO.
'S e mhiadaich truaigh chlann daoine
Gu'm beil iad faoin ann am barail,
'S iad 'g iarruidh 'n sonais 'san t-saoghal,
Far nach d' fhaod iad a bhi maireann :
Tliainig mallachd do rireadh
Air gach ni th 1 air an talamh,
'S cha'n 'eil sonas ri fhaotuinn
Anns na faochagan falamh.
Co bi thuigeadh mo storaidh,
Tha cuid dheth bronach ri aithris ,
Chaidh mo mhealladh gle oga,
'S air slighe na doruinn mo tharuinn.
'S riim toilinntinean feolmhor,
Trie mo threorach 's mo mhealladh,
INIach o thobar mo sholnis
Ge d' bha e 'n comhnuidh cur tharais.
Bhuail pathadh gle og mi
Arson solasan peacach ;
'S cha robh tobar dheth an t-seor's sin
As nach d'ol mi dol seachad ;
A's cha do rinn iad mo riarach,
On bha m' iartas co farsuinn ;
'S ann bha iadsan co neo-dhianach
'S gu'n do mhiadaich iad tart dhomh.
Ach dh' f hosgail tobar na slain t' dhomh
Anns an fhasach bha tartmhor ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence