Skip to main content

‹‹‹ prev (134)

(136) next ›››

(135)
131
'S 'nuair rinn ini 'n seachran aicheadh
'S na gnathain gun fheum,
Dh'fhuaraich gradh mo chairdean,
A's clann mo mhathair threig ;
'S bhitheadh na naoimh toirt tair dhomh,
'Nuair dh' fhaillneadh mo cheum ;
Ach gheibhinn-sa do lathaireachd,
'S tu b' f hear na iad gu leir.
Nis togam m' Ebeneser,
A's seinneam fèin do chliu ;
Oir gus an uair so fèin,
Cha do threig thu mi co-dhiu :
'S c'arson nach bitheadh mo dhochaa
A'd ghealladh mor 's gach cuis ?
Gu'n toir thu mi thar Iordan,
'S gu'm faigh mi gloir a's cliu.
Na'n deanadh tu mo threigsinn,
'S nach bitheadh tu fein rium blath
Co dh'ionnsuidh a theid mi ?
Oir cha'n 'eil feum an each ;
Cha'n 'eil ni fo'n ghrein
Ris nach d' fheuch mi airson slaint'
Ach 's lighichean gun fheum iad
'S dhomh fein cha d'rinn iad sta.
Dh' fheuch mi ri sligh' na doruinn
A's cha robh solas ann,
'S ri da mhaighstir comhladh,
A's bha mo dhochas fann ;
'S ri slighe na fèin-fhireantachd,
A's cha robh sith dhomh ann ;
Bha binne bais a'm chluasan,
Gam' ruag 's gam' ruith gu teann.
Ach 's grian 's a sgiath do lathaireachd.
A's their thu gras a's gloir ;
'S na gheibh bhi ann a'd fhabhor
Bheir thu dhaibh slainte mhor ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence