Skip to main content

‹‹‹ prev (96)

(98) next ›››

(97)
93
Cluinn guth an Fhir-shaoradh,
Faic a ghairdean gu h-ealamh
'Tional dhachaidh nan daoine.
Rinn e shaoradh o'n talamh ;
O'n is creutairean naomh iad,
Thug an gaol da gun mhealladh,
Bheir e suas iad gu Parras,
'S cbaoidh cha f haillnich a ghealladh.
Thig e'n sin mar Fhear Posda,
'S theid na h-oighean 'na choinneamh ;
'S iad uile a deasach' an lochrain ;
Ach cha'n 'eil moran diubh ullamh ;
Tha iomadh aon a chuir dochas
Ann an lochranaibh falamh,
Air son gu'n d'ith, a's gu'n d'ul iad
Aig a bhord air an talamh.
Ach bheir e suas leis na h-ailleagain,
A's bithidh each dheth sin falamh ;
A's their e rithis os aird riu,
So an aireamh rinn faire,
Lean iad mise gu dilis,
An staid iosal air thalamh,
'S tha mi nise dol ga'n ardach',
'S mo dheas-lamh dhaibh mar ghealladh
So an dream a thug buaidh,
Le fuil an Uain rinn an saoradh,
Thug iad umhlachd do m'aithneanta,
Dh'ain-deoin caineadh an t-saoghail ;
Ge d' chaidh cuid chuir gu bas diubh :
A's trie an sarach' le daoine.
Cha do smuainich iad m'aicheadh ; —
'S e sud an aireamh thug gaol domh.
Fhuair mi biadh agus aodach
na daoine thug speis domh :

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence