Skip to main content

‹‹‹ prev (95)

(97) next ›››

(96)
92
'S iad air measgadh le cheile,
'S eallach fèin air gach duine.
Tha mile tairn'each aig eigheach,
'S an sluagh gu leir tha ri faire,
'S leis an fhuaim th'ann 'sna speuraibh,
Chrith gach creutair air thalamh : —
Tha'n cuan 'sna tonnan aig beucaich.
'S tha bonn nan sleibhtean air carach',
'S tha cridhe dhaoine ga'n treigsinn, —
Ach c'ait an d'theid iad ga'm folach ?
Chrath e cumhachd nan speuraibh
Dhorch' a ghrein, a's a ghealacli ;
A's tha puist na talmhainn air geilleadh,
'S thuit na reultean gu h-ealamh ;
Tha obair naduir gu leir ann,
Dol as a cheile le cabhaig,
'S cha'n f huirich ni ach an sluagh sin,
Nach f haod gltiasad no carach'.
Ach anam, ma fhuair thu,
Fuil an Uain gu do shaoradh,
Na bitheadh do chridhe ga d'fhaillin,
Cluinntinn caramh an t-saoghail ;
An Ti 's na do chuir thu do dhochas,
'S e sud a ghloir tha ga taomadh,
'S e sud na tuiltean a chual thu,
Thig air an t-sluagh nach d'thug gaol da.
Ma tha thu creidsimi na firinn,
'S fuil na h-iobairt ga d' naondiach',
Ma tha thu 'g aicheadh mi-dhiadhachd,
S ana-mianmiibh an t-saoghail ;
Ma gabh thu tlachd ann na aitheantaibL,
'S cuing an t-Slanaighear eutroin ;
Slan leat tha thu tearruinte,
'S an Ti 's aird' ga do shaoradh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence