Skip to main content

‹‹‹ prev (97)

(99) next ›››

(98)
94
'S 'nuair a bha mi gun slainte
Fhuair mi cairdeach gu leir iad ;
A's 'nuair a bha mi sa phriosan,
JRinn iad gach ni dhomh bha feumail,
'S cha'n 'eil mi nise dol ga'n aicheadh,
'S gur ann na'n ait chaidh mo cheusadh.
A shluagh beannuichte m'athair-sa !
Thigibh fathast a's eisdibh,
Suidhibh sios air a chathair,
Tha ni gratheil ri reiteach,
Eadar mise 's an sluagh sin,
Rinn mo bhualadh 's mo reubadh,
Rinn mo shailtairt fo'n casan,
'S a rinn gu maslacli mo cheusadh.
An sin caochlaidhidh a ghnuis,
'S thig ordugh dluth chum an tionail ;
'S theid luchd an uilc a thoirt dluth dha,
As gach duthaich a's fine ;
Theid gacli cealgair a rusgadh,
'S theid na cuiltean a shireadh,
'S theid gach cogais a dhusgadh,
'S bithidh iomadh suil ann ri silleadh.
Theid na leabhraichean fhosgladh,
'S thig a choguis thoirt fianuis ;
'S 'nuair dh'f hosglas e am Biobull
Ni sud an diteadh gu siorruidh ;
Sluagh mallaichte rinn tair orm,
Teich gu brath iad o m' fhianuis,
Cha d'thug iad umhlachd do m'aithneanta
A's cha do ghradhaich iad riamh mi.
Chuir iad cul ri mo shlainte,
A's rinn iad tair-cuis air m' fhirinn,
'S bha cuid diubh a briseadh na Sabaid,
A's cuid a caineadh nam firean ;
Bha cuid ri mionnain a's ri breugain,
'S an tlachd gu leir ann am mi-run,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence