Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
38
Tha sean a's og a dol sios do 'n uaigh,
Air lag a's air laidir tha'm bas a toirt buaidh ,
'Nuair thig an t-am dhaibh an saoghal f hagail,
Ma's tinn na slan iad, cha tamh iad uair.
Ach 's rabliadh mor sud do chach deth an t-sluagh.
'S is mithich dhomhs' gun chuir fada nam ;
Tha rabhadh garbh ann bhi deas gu falbh as,
O'n tha'n tigh talmhaidh gu tighinn nuas.
Ach 'nuair a chi sinn, le'r sealladh sul,
An corp a pilltinn a dh'ionnsuidh an h-uir ;
Tha 'n t-anam priseal a' dol ris, gus
Am faigh e bhinne o Righ nan dul.
'N sin gheibh e duais aig a chaithair mhoir,
D'a reir mar ghluais c an tir nam beo ;
Theid e air ball 's ann dh'ionnsuidh suaimhneas.
Air neo theid f huadach a dh'ionnsuidh bron.
O ! dhuine, smuainich air so 'na thrath,
Ma's ann deth an t-sluagh thu ata gun ghras ;
Cha'n f hac, 's cha chuala tu ni co uamhasach,
Ris an t-shuigh sin a tighinn 'na lathair.
An lathair an Dè bhitheas na bhreitheamh mor,
'Nuair a dh'f hoillsichear e 'na ghloir ;
Bithidh an dream a roghnaich e deanamh eibhneaa
\S ni uile threubha na talmhainn bron.
I anam, rannsaich nach bi thu cli,
'S ann thig an call ort ma theid thu'n di,
Caillidh tu an solas tha'n Righ na gloire,
A's air do dhoruinn cha'n f haic thu crioch.
Ach rannsaich curamach ann an tim,
Dh'f heuch am bheil thu air do bhreith a ris ;
'S ma tha, cha churam nach dearbh do ghiulan,
tìur creutair ur thu th'air faotuinn sith.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence