Skip to main content

‹‹‹ prev (42)

(44) next ›››

(43)
39
Ach na cuir dochas am briathraibh faoin,
Ge d' fhaigh thu seoladh o cliuid de' dhaoine" ;
A labhras moran mu thimchioll trocair,
'S iad fèin gun eolas air nithibh naomh.
A dh'ionnsuidh Rhiobuill ruith gu luath,
Dh' f heuch am firinnich e do ghluas'd ;
A's ma their an f hirinn sin ruit gar firean thu,
Bheir sith dliuit nach d'thoirear uat.
Ach ma's arm cli tha thu, so an uair,
Gu tighinn direach dh'ionnsuidh 'n Uain ;
Dh'ionnsuidh an Ti sin thug suas an iobairt,
Leis 'm bheil sith air a toirt rau'n cuairt.
Na smuainich dail a clmr anns a chuis,
Tha latha na slainte dol seachad dluth ;
'S mar bi thu trath anns an daingneach laidir.
'Nuair thig am bas ort, bithidh an dorus duinnf.
A's bithidh tusa ris ann an doimhneachd truaigh,
A caoidh gu siorruidh 'sna piantaibh cruaidh ;
Slan le solas ! tha bron gun chrioch ann,
A's thus' a ris aig an Dachaidh Bhuan.
Ach ma's firean thu thuig am fuaim,
'S do'n do rinneadh priseal an Ti thug buaidfa ;
Tha 'g iarruidh imeachd an ceum na firinn,
A's t-aighaidh direach air Sion suas.
Cha choir dhuit fèin a bhi deanamh uaill,
Ma tha thu 'g eisdeachd ri guth an Uain ;
'S ann thug e fèin ort gun chreid thu *n sgeul air ;
'S gach ni rinn feum dhuit 's ann uaithe fhuair.
Na h-uile cuis anns am bi ort feum,
'S e fantuinn dluth ris, fo sgail a sgeith,
Bheir ort gu'n giulan thu h-uile cuis dhiubh,
'Nuair bhitheas do shuil, ris na dh'fhuilinn o.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence