Skip to main content

‹‹‹ prev (37)

(39) next ›››

(38)
34
O, is mithich dhuinn gluas'd,
Agus siubhal gu luath,
Cha bhi ar laithean ro bhuan fo'n ghrein ,
'S coigrich sinn a's luchd cuairt,
'G iarraidh an duthaich tha shuas,
Tha ar dachaich, a's ar duais air neamìi.
'S fasach ulartaich, thruagh,
Anns am bheil sinn air chuairt,
Cha'n 'eil fois dhuinn, na suaimhneas arm ;
Ach tha ar suilibh riut fein
Tha air neimhibh nan speur,
Thoir oirn 1 gu'n ruith sinn an reis gu ceann.
'S ann air t-ainm bhitheas sinn luaidh,
'S ma bhitheas tu leinn bheir sinn buaidh,
Ged robh an saoghal 'gar ruag gu teann ;
Dh'aindeoin Pharaoh, 'a a shluagh,
Theid sinn thair a mhuir ruadh,
'S bheir sinn tuille a's buaidh aig a cheann.
Is ann a tha sinn 'san uair s',
Page 34.
Is ann a tha sinn san uair s'
Mar long air a chuan.
Theso lines should be —
'S ann a tha sinn 's an uair
^ .. So mar luing air a' chuan.
Gu tamh ghabhail 'san uir,
'S theid an aillteachd air chul gu leir ;
Ach do 'd phobull bochd, bruit ;
Bitheas tu fein air an cul,
'S le do ghras ni thu'n stiuradh 's gach ceum.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence