Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
O ! stiuir sinn le d' ghras,
Gus an ruig sinn an t-ait,
Anns am bi sinn gu sabhailt bee ;
Far nach bi sinn gar luasg,
A' dol thuige a's uaith,
Mar long air na cuaintibh mor.
Tha ar truailleachd fèin,
A ghnath ruinn a striobh,
'S toirt oirne bhi sgith deth 'n fheoil ;
A's luchd aiteach ar tir,
Nach d'thug gradh dha ar Righ,
'S ann tha 'n naimhdeas a sior dhol am moid.
Nam b'ann 'sa bheatha so a mhain,
Bhiodh ar suil ri do shlaint,
'S sinn bu truaighe do chach gu leir ;
Ach ma 's ann thall o'n a bhas,
Fhuair sinn dochas ni's fearr,
'S sinn is sona tha'n dras fo'n glirein.
Is mor ar sonas r'a luaidh,
Seach na traillean bochd, truagh,
Tha ga 'd aicheadh le gluas'd mi-naomh ;
'S e sud is cainnt dhaibh gach uair,
A Righ na gloir imich uainn,
Cha'n aill leinn eolas air 'd'bhuaidhibh naomh
Ach rinn thu ionnmhas gu leoir,
Thasgaidh suas ann an stor,
Do'n dream a ghluaiseas air choir a'd' dheidh
Dhaibhs' is fearr sud gu mor,
Na bhi toileach na feol',
'S luidh sios ann an bron fadheoidh.
B'f hearr an roghainn rinn Maois,
Air teachd dha-san gu aois,
Ghabh e amhgar maraon ri d' shluagh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence