Skip to main content

‹‹‹ prev (36)

(38) next ›››

(37)
33
'S e creidsìnn ann mar Fhear-saoruidh,
Bheir air an t-saoghail so buaidh.
Bheir e buaidh air an fheoil daibh
'S togradh gorach chlann daoin ;
Air ardan, 's air morchuis,
'S air na solasaibh froin ;
'S ni e an inntinn a threorach'
Chum bhi beo air a ghaol ;
Ann an dochas a ghloir-sa,
Air an d'thng e coir dhaibh gu saor.
Is e dochas a ghloir-snn
Chumas beo iad 's gacb cas ;
'S gus an d'theid iad thar Iordan,
Bithidh an dochas a fas ;
'Nuair bhitheas dochas an f hirean ;
A toirt sith aig a bhas ;
'S an bhitheas dochas a chealgair,
A dol air falbh uaith mar sgail.
'Nuair thig a chuis agus an deuchainn,
'S mor am feum bhitheas air gras,
Mur bi na fìor nithe fein ann,
Cha bhi feum ann an sgail :
Ged bhitheas cealg-f hearaibh mor,
A cumail cleoc orra an trath-s' ;
Cha d'theid a h-aon dh'ionnsuidh glc
dhiubh,
Tha Iehobhah ag radh.
Cha b'urra' an t-aingidh bhith beo,
'S an rioghachd ghlormhor tha shuas ;
O'n bhitheadh inntinn cho feolmhor,
Lan morchuis, a's uaill ;
Cha b'e gradh bhiodh 'ga threorach,
'S cha b'urr' dha ghloir thoirt do'n Uan ;
Cha mho thuigeadh e an t-oran,
Tha na cheol dhaibh 's gach uair.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence