Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
23
An lathair High na gloir ;
Mur tog e chrann-ceusaidh,
'S mo leantuinn fèin gach lo.
Ach sibhse a lean gu dilis mi,
Le cridhe fior gun gho ;
A threig gach ni bha priseal leibb.
'S a chuir fo chis an f heoil ;
Ma ghluaiseas sibh 's an fhirinn,
Bithidh 'ur sith mar abhuinn mhor :
'S le buanach chum na criche dhuibh,
Theid sibh do rioghachd na gloir.
Na dibiribh 's an fhasach so
Mo ghras a chur an ceill ;
Innsibh anns gach aite, gu'n
Do bhasaich aon Mhac Dhè ;
Thugadh gu saor do chach uaibh,
A ni thug slainnt' dhuibh fèin,
'S ma chreideas iad san t-Slanaighear,
Cinnte, rinn e an aird an reit'.
An aithne nuadh a dh'fhag mi dhuibh,
Is ail leam cur an ceil ;
Gu's an aithnich iad mo chairdibh-sa,
Le meud an graidh do cheile ;
Coi'-lionaibh nis mo ghairdeachas,
Gu'm bi sibh ghnath gu reith ;
'S bith mis ag ullach aite dhuibh,
A stigh am Parras Dè.
Ged tha sibh lag, cha churam duibh,
A's bhur suil ri Righ na gloir ;
Is laidir air 'ur cul-thaobh mi,
'S mo gradh dhuibh ur gach lo ;
Na h-uisgeachan cha mhuch iad sibh,
Ged dhuisg na tuinn gu mor ;
'S an teine cha dean ciurradh oirbli,
Bithidh sibh 's an fhurnais bheo.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence