Skip to main content

‹‹‹ prev (27)

(29) next ›››

(28)
24
Ni beagan làithean doruinneach,
Bhur toirt gu solas buan ;
Slan le luchd an f hoirneart,
Tha bhur dochas ri dol suas ;
Bheir mi trid ghleann nan deoir sibh,
Mar cheannard seolta do in' shluagh
'S bheir mi thar abhuinn Iordan sibh,
'Gar codhalachadh aig a bhruaich.
An sin toisichidh neo-bhasmorachd,
'S thig slainte o mo ghnuis ;
'S gheibh sibh chum 'ur gairdeachas,
Gu brath bhi seinn mo chliu ;
Bheir mi le mo laimh, gu fabhorach,
Na deoir a bharr 'ur sul ;
'S tha leigheas anns an aros sin,
Ni slan an cridhe bruite.
Cha chluinn sibh bron, no eigheach ann,
No bas, no pian, no caoidh ;
'8 cha'n iarr sibh solus greine ann,
Gu feuchainn air gach taobh :
Bithidh an Ti 'ta uile-leirsinneach,
E fem na sholus dhuibh :
'S ni lathairachd aoibhinn sibh.
'S bithidh ghradh-sa 'n'ur beul chaoidh.
Chi sibh an sin an aireamh
Dheth na braithrean a thug buaidh,
Air tional as gach aite ann,
'n airde-deas a's tuath ;
'Nuair bheir e stigh do'n aros sin,
Na traillean bha cho truagh ;
Nach iongantach co grasmhor,
'S tha Slanaighear nam buadh ! I !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence