Skip to main content

‹‹‹ prev (69)

(71) next ›››

(70)
66
Saoilidh mi gu'n cluinn ini 'n guth
'An tormanaich shruth nan alld !
'S cianail leam fiamhachd nan tom,
'S an dubhar trom a ta mu'n t-shabh ; —
Cha doilleireachd air gnùis na grein' e —
'S 1 mo le'ursainn tha dol dhiom !
'S tiamhaidh leam torman nan eas
A' taomadh feadh sgolb nan creag —
A chraobh liath, tha miarach dosach,
'S cuimhne leam 'nuair bha thu d' phreas !
'S cuimhne leam 'nuair bha thu d' phreasan,
'S a lùbadh a' chuthag do ghuisein,
'Nuair a bhiodh i, àm an fheasgair,
Ri gug-gùg 'an dlùth's nan dosan.
Duibhre na h-oiche teachd fagus,
Smeòrach 's an ògan a b' fhaide,
'S neòineanan 'lòintean an driùchd
'Dùnadh an sùl — 'dol a chadal.
Oigearan a' tigh'n à fireach,
Buachaillean a' teachd o'n innis,
Duanag aig gruagaich na buaile,
'S mac-talla 'cur suas à binneis.
Oigeir fhaoin d 'an aois am fichead,
Treun à d' dhòrn, 'us àrd 'am misnich,
Bi'dh tu fathast mar ta mise,
'Caoidh nan nithe a chaidh seachad :
Do làmh lag, do che'um mall,
Do chridhe trom, do shùil dall,
Do cheann crom, do chom fann,
Gu h-uaigh ag aomadh gu teann.
Tha beath' an duine a' triall
I\Iar fhaileas nan nial .lir fonn,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence