Skip to main content

‹‹‹ prev (68)

(70) next ›››

(69)
65
Chi mi 'm Bodach stùcach, gruamach,
Coire-na-bà 's an dà Ghruagaich,
'S an dean damh na cràice nuallan,
'S tàrmachan nan àrd a ghruadal.
Tha mi 'sealltuinn air mo dhe'igh
Air sleibht' a's tric a che'um mo chas,
'S fann-ghrian an fheasgair a' de'arrs'
Air an sliosan re'ithe cas.
Tha mo chridhe ann am chliabh
(Le buille dhèin) 'am fiabhras bras,
A' meòmhrachadh fìnid mo chuairt
'An tìr nan cniach, nan gleann, 's nan glac.
AK DARA H-EAaANN.
Ach ma ni mi triall air m' ais,
(Mo cheann glas, 's mo chas neo-lùthor,)
Bi'dh mi f àilteachadh nan aonach
'jy àit' nan daoine b'à'ist* bhi dlùth dhomh.
Bi'dh mo chridhe dhiom a' foighneachd
Cà' bheil na maidionnan àbhach
A chithinn, moch agus feasgar,
'Dol a leigeil cruidh do'n fhàsach ?
C'àit' am beil sgalag an àitich ?
C'àit' am beil àireach na spre'idhe,
Le 'm bu bhinn 'bhi 'n gleann na h-àiridh
'G eisdeachd toirm an àil a' gèumraich ?
C'àit' am beil sealgair nam fiadh ?
C'àit' am beil iasgair na h-amhann ?
Cà' bheil uile mo luchd-eòlais ? —
Tha, — gun deò fo'n f hòid 'nan laidhe !
Ach saoilidh mi gu'm faic mi 'n cruth,
A' tàmh, fo stuirt, air uchd nan stall ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence