Skip to main content

‹‹‹ prev (70)

(72) next ›››

(71)
67
(Gaoth 'gan ruagadh 'san speur,)
'iS co gheibh lorg an deigh am bonn !
Dhìrich mi aoibhinn an tulach,
Mi nise tearnadh fo mhulad,'
Cuan na Sìorr'achd am làthair, —
Air a thràigh co thàrras fuireach ?
A Thì chuir solus anns a' ghrein,
Agus crìoch roi' che'um nan tonn,
*An gleann dorcha sgàil' a' bhàis
Biodh do làmh 's do ghràsan leam !
Cruachan.
49.— OIGHRE 'N TIGH' CHLIUITICH.
Air Fonn — " O hù o, o hù o,
O hù 0, ho èile/* S)C.
Oo-oighre 'n tigh' chliviitich
Cò dhiùltadh leat èirigh ?
Og-oighre *n tigh' chliùitich,
'Nàm rùsgadh nan gèur-lann ?
Og-oighre 'n tigh' chliùitich,
Na'm faighinn-sa còmhnadh
O dheachdadh na ceòlraidh,
Chuirinn dàn ann an òrdugh
Air an òigear, Ene'as.
Ort, Aonghais òig Ghlinnich,
Oighre Chnòideart nam fireach, —
Thu bhi còrr tha mi sireadh
Ann an grinneas 's an èuchdaibh.
Ged bu chiùin thu 'ad leanabh,
'S fad' tha mis' iar mo mhealhidh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence