Skip to main content

‹‹‹ prev (63)

(65) next ›››

(64)
€0
Gach creutair sona, 's ce'ir aige
Ri h_èibhneas feadh nan grianan ; —
Bi'dh mise 'nihàin 'am ònrachdan
Ma shòras tu bhi 'n:i riar.
'S tha 'n geamhradh a' tigh'n dlìith oirnn,
Le 'dhìildachd 'us le 'fhuarachd,
'S tha 'n aois a' teachd air chùlaobh sin,
Le 'h-ìirla phreasaich chruaidh ;
'S ma fhroiseas blàth na h-òige dhiot,
A shòrag, creid-sa uamsa
Nach faigh thu, 'nuair a's àill leat e,
Mo làmh-sa no mo luaidh !
S. M.
45.— AM FOIRNEADH.
Fonn — " Uillcachain^ an tìg thn idir.'
IsEABAiL, nach gabh thu furas,
Iseabail, nach dean thu tàmh ?
Iseabail, gu bheil thu gòrach
Mu'n am pòs thu Donull bàn.
Geda thàinig e gu làithibh,
Tha e làidir, reachd'or, slàn ;
Na biodh iomgain ort a h-àlach,
Bios tu 'd mhàthair, na gabh sgàth.
'S math do bhòrd a bhi gun ghainne,
'S pailteas bainne aig do bhà,
Seach 'bhi 'n taice giullain shuarraich,
'S e gun bhuaile is gun bhàrr.
Gheibh thu deiseachan 'us rìomhadh,
Cha bhi 'n dìth ort, theid nni 'n ràth,
'S fearr dhut sin na'n airc, 'us brìodal
lain chrìn a Dail-a'-chàis !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence