Skip to main content

‹‹‹ prev (62)

(64) next ›››

(63)
59
Seall ! shnionih thu mo dhòm,
Is chaill mi mo bhròg,
Is shrachd thu mo chòta — 's nàrach dhut. —
Nach sguir thu, 's bi falbh, —
Gur bòidheach, gu dearbh,
Le d' obair, an dealbh a dh' fhàg thu orm !
Sin ! bhris thu mo chìr !
Do ghonadh 'ad chrìdh' !
Leig as mi, no chì mo bhràthair sinn.
Seall, sid Eobhan IMòr
Gu h-àrd air an tòrr !
Dean sgur dhiom, no ìnnsidh e 'm mhàthair e.
Leig cead domh, 's thoir ort
Gu Seònaid nan cnoc,
Gu bheil i fo sprochd o'n dh' f hàg thu i.
Eagar.
44._DEIREADH NA MOITE.
Fonn — " Tha rn aìgne rium ag èirigh."
GuR fad o'n tha mi 'n tòir ort,
A Mhali òg nan ce'utabh,
'S gur fad o'n gheall thu eiridinn
Air deilis theth mo chrìdh' ;
Ach fathast tha mi deireasach
A' feitheamh uat ri faochadh ; —
O ! greas, 'us dean mo shaoradh,
Le d' ghaol mu'n claoidhear mi !
Chaidh 'n t-Earrach fad air chìil uainn,
'S tha 'n Samhradh ùr mu'n cuairt duinn,
Tha Nàdur blàth ri sùgradh
Feadh nan gleann, nan stùchd, 's nan sliabh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence