Skip to main content

‹‹‹ prev (64)

(66) next ›››

(65)
61
Tog dhe d' iomairt feadh an tighe,
Cha-n eil math dhut a bhi bàth,
Glac an ghocas, — 's glac an stòras
'Tha cho deònach teachd 'ad dhàil.
Iseabail, mur gabh thu 'n tairgse,
Bios mi feargach rint gu bràth, —
Muna còrd thu nochd ri Dònull,
Gabh mu d' chaiseart tòs an là !
Greas, gabh comhairle, 's cuir umad,
Bios an duine so gu'n dàil,
Na biodh aileag ann do mhuineal
'Nuair a chuireas e ort fàilt'.
46 AN CIANALAS.
Fonn — " A Mhairi bhoidheach 's a Mhairi ghaolach."
Ged thainig aimsir nan lus 's nan eòinean,
'S ged tha na dailthean fo thrusgan neòinean,
'N am chridhe trom-sa cha mhosgail bòi'chead
An t-samhraidh àillidh ach dàn gun sòlas.
A Mhàiri aoigheil, a Mhàiri bhòidheach,
A Mhàiri aobhach a dh' fhàg mi brònacli,
A ^NIhàiri ghaolach a rinn mo leònadh,
O ! till an taobh so, ma's caomh leat beò mi ]*
O'n dh' fhàg thu Albainn nan garbTi-bheann mòra,
Riabh riabh o'n dh' fhalbh thu gu'n 'shearg mo dhòchas,
Mo cbridhe bruaidleanach goirt gun stòldas,
'S mo chadal hiaineach, gun tuar mo neòil orm.
Cha-n fhios — nach dìchuimhnich thu mi 'n còisir
Nan comunn rìomhach 's am bi thu 'n cònaigh, —
Cha-n fhios — an tìll thu do thìr nam mòr-bheann, —
Cha-n fhios — ciod ni mi ? — ad dhxth cha bheò rai !
* Airìs so aifj deirendh gach rainn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence