Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
40
Leonadh ati ceann-feadhnaidh sgairteal,
Ri comhruig bhatailtean a liath e ;
Gur sonruicht* coltach an dearcag,
'Sa 'n fheoil nach taisicheadh fiamh i ;
i\Iu 'n do chrom a ghrian fo cleochda taisgte
Phaigh sinn air an ais na fiachan.
Ged bha na Rioghalaich o Albuinn,
Na fir ainmeil, mheanmnach, phriseil ;
Fada uainn ri uair a gharbh-chath,
'S buaidh a b* ainm dhoibh ri uchd mhiltean ;
Ghreas iad air an aghaidh g* ar teanachdadh,
*Nuair a chual iad stoirm na *m picean;
B' e creach luchd na 'm breachdan balla-bhreac,
Bhi le lasair niarbh na 'n sineadh.
'Nuair cjiuireadh am batailt seachad,
'Sa dii' aireadh ar gaisgich threubhach ;
Bha ioma treun f hear 'sa 'n deachamh,
Le meud am braise 'sa 'n streupaig ;
Fuil a ruith air lotaibh frasach,
O iuchd na 'm breachdan an f heilidh ;
'S i sior thaomadh leis na glacan
'S truagh nach d' fhaod ar gaisgich eiridh.
Tha na Frangaich math air teine,
Gus an teannar goirid uapa;
'S ann mur sin a loisg iad sinne,
Ri deich mionaideHin na h-uaire ;
Ach 'nuair a fhuair ar laoich gun tioma,
Dhol an aite buille bhualadh ,
Bha roinnean stailinne biorach,
Sathadh guinideach mu 'n tuairmeas.
Gu'm b'ÌNSÌtt atì tuairmeas smiorail,
Chinnteach, amus?ièh,- gun dearmadj

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence